FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Balranald celebrates 50 years Baile Raghnaill a' comharrachadh 50 bliadhna

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Baile Raghnaill a' comharrachadh 50 bliadhna

[Innes Rothach – Preseantair] Tha 50 bliadhna ann bhon a stèidhich Comann Rìoghail Dìon nan Eun tearmann nàdair ann am Baile Raghnaill an Uibhist a Tuath. Ao-coltach ris na raointean eile aca, chan ann leis an RSPB a tha am fearann ann a tha fo smachd chroitearan na sgìre. Tha an aithris seo aig Shona NicDhòmhnaill.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Fhuair Comann Rìoghail Dìon nan Eun aonta le triùir uachdarain agus le ceithir bailtean croitearachd, 600 heactair de thalamh a chomharrachadh mar raon glèidhteachais Bhaile Raghnaill.

[Jamie Boyle] We were interested, the Uists and the Western Isles in fact are well known for being fantastic areas for wildlife. In particular birds. And RSPB wanted a foothold on the islands, so they managed to get this agreement with the landlords and the crofters and we used the area for research and survey.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Tha 50 bliadhna ann bhon a chaidh a stèidheachadh.

[Sìne NicDhòmhnaill] Bhitheamaid dol a bhleoghainn a’ chruidh shìos an sin ‘s an uair sin nuair a thàinig iadsan, a’ churracag dhearg, bha i ann an uair sin. Oh bha i pailt, pailt an toiseach. Ach thòisich i air falbh an uair sin ‘s bha daoine gabhail ionghnadh gach uair a nochdadh i ach bha i an uair sin cha robh i tighinn idir.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Le mu 200 seòrsa eun air an clàradh anns an sgìre aig diofar amannan, tha sin a’ tarraing luchd-turais. An-uiridh thadhail mu 14,000 duine agus tha sin a’ toirt cothrom gnìomhachas a stèidheachadh a bharrachd air croitearachd.

[Ann Nic GilleFhialain] Bha sinn a’ faicinn daoine tighinn ach cha robh dad ann dhaibh. Tha àite-bidhe againn fad an t-samhraidh agus tha sinn airson gum bi àite ann far am faigh daoine cofaidh no cupa nuair a tha iad a’ tighinn fad astair mòr. ‘S dòcha gum bi iad shìos air a raon glèidhteachais fad an latha a’ coiseachd so bha an cothrom sin ann dìreach air sàillibh na bha ann de dhaoine tighinn agus bha sinn a’ faicinn nach robh goireasan ann dhaibh.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] An-dràsta ‘s a-rithist nochdaidh eun annasach, mar as trice air an t-slighe cheàrr.

[Aonghas Fearghastan] A’ chiad eun air na chuir mise oighreachd b’ ann gu math ainneamh a bha iad, ‘s e Snowy Owl a bha sin agus mu robh e bho, uill a chionn bliadhna an fhoghair sa chaidh, chan eil fad bho uair sin, bha an cattle egret a bha sineach, bha i ann. Sin an don thog mi an dealbh is i air mullach an taighe shuas.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Tha àireamh an traoin air a dhol a meud, ach a dh’ aindeoin oidhirp an dìon, tha àireamh nan gealag-buachair a’ sìor chrìonadh.

[Jamie Boyle] All the islands out here had corn bunting populations including St Kilda at one time and this is the last little population and it’s disappearing. We’ve tried a lot and we still, fingers crossed we might just hold on to them because they have declined in the past to quite low numbers and then built up again.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Comharrachadh an RSPB an ceann-bliadhna seo le diofar thachartasan tron bhliadhna. Shona NicDhòmhnaill, BBC An ann an Uibhist a Tuath.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!