FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Mull and Iona Sustainable Transport Project Pròiseact Còmhdhail Seasmhach Muile 's Ì

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Pròiseact Còmhdhail Seasmhach Muile 's Ì

[Iain MacIlleathain – Preseantair] Nise tha coltas gu bheil pròiseact airson càraichean dealain ann am Muile a' soirbheachadh gu mòr. Tha Urras Mhuile agus Idhe a' ruith sgeama a tha ag amas air grunn sheòrsaichean còmhdhail seasmhach, 's tha càraichean dealain nam measg - rud a dh'fhaodadh a bhith na dhùbhlan a bharrachd 's dòcha, ann an sgìre dhùthchail. Ag aithris à Muile, Seonaidh MacCoinnich.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Sin a’ chiad rud a mhothaicheas tu mu charbad dealain. Chan eil fuaim ann. Tha iad a’ fàs nas cumanta air tìr-mòr agus anns na h-eileanan. Thòisich pròiseact còmhdhail sheasmhach Eilean Mhuile 's Eilean Idhe ann an 2011, a’ coimhead air iomadh dòigh airson na gasaichean a tha tighinn bho charbadan a lùghdachadh.

[Rebecca Lewis] Our aim is to increase the uptake of sustainable transport on the island as a whole. Be it community transport, your buses, taxis, any time where you’re putting more than one person in the car.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Ach leis gu bheil iad air eilean, cho seasmhach ‘s a tha e an taca ri carbad àbhaisteach?

[John Lilly] On the island there is a problem perhaps if someone very rarely occurs which may have an electrical problem. Is it a problem because you need computer diagnostics to actually understand what has gone wrong.

[Calum MacIlleathain] Ma bhios càr an seo ann an tubaist, chan urrainn do luchd-smàlaidh a ghearradh anns an dòigh àbhaisteach. Feumaidh iad a bhith mothachail mu seòrsa car a th’ann.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Fhuair dithis anns an eilean cuideachd cothrom na carbadan dealain fheuchainn cuideachd airson a’ chiad uair.

[Alasdair Satchel] Tha e luath agus tha e coltach ri càr eile, dha-rìribh. An aon rud a tha doirbh leis ‘s e a bhith gu math eaconamach leis a’ chàr. Airson tòiseachadh feumaidh tu bhith gu math socair, socair, socair agus as dèidh sin nas luaithe.

[Seumas Westland] Tha mi cinnteach gun obraich e glè mhath an seo agus ann an àitichean eile. Cho fad ’s a tha na stèiseanan dealain ann airson neart a chur sa bhataraidh gach turas. Chan eil thu faighinn ach, chan eil fhios agam, 100 mìle bhon teàrrds. Dh’ fheumadh tu bhith cinnteach gu robh àite ann airson a theàrrdsadh a-rithist. Agus tha e glan, tha e uaine so aidh, tha e glè mhath. Obraichidh e glè mhath tha mi cinnteach.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Seonaidh MacCoinnich, BBC An Là, Muile.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!