FaclairDictionary EnglishGàidhlig

FilmG Awards Cuirm FilmG

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Cuirm FilmG

[Innes Rothach – Preseantair] Chaidh duaisean farpais FilmG an toirt seachad air an deireadh sheachdain, le òg à Inbhir Nis a’ dèanamh a' chùis air na h-inbhich ‘s i togail na duais airson an cleasaiche as fheàrr. Chaidh an fharpais airson filmichean goirid a chraoladh beò air an eadar-lion airson a' chiad uair. Ach cha tèid gin de na filmichean a shealltainn air an t-sianal Ghàidhlig. Seo Coinneach Mac a’ Ghobhainn.

[Coinneach Mac a’ Ghobhainn - Neach-aithris] Tha FilmG air a bhith dol ochd bliadhna. Cothrom dha daoine Film goirid a dhèanamh anns a’ Ghàidhlig le cuideachadh proifeasanta. ‘S e òigridh a th’ aig cridhe na farpais, le còrr air leth-cheud film bhuape-san.

[Dòmhnall Caimbeul] Bheil fòn-làimhe aig a h-uile duine?

[Coinneach Mac a’ Ghobhainn - Neach-aithris] Agus aig cuirm spaideil nan duaisean san Old Fruitmarket ann an Glaschu, bha teachdaireachd aig ceannard MG ALBA dhaibh.

[Dòmhnall Caimbeul] Bidh daoine sìor throd gu bheil e mì-mhodhail a bhith cleachdadh fòn-làimhe nuair a tha thu ann an cuideachd dhaoine eile. Ach tha mise ag ràdh ribh gu bheil riaghailt eile ann sa Ghàidhlig. Tha e ceadaichte, fhad ’s a tha e sa Ghàidhlig. Tha sin ceart a thidsearan, nach eil?

[Coinneach Mac a’ Ghobhainn - Neach-aithris] Bha Ros MacCoinnich às an Eilean Sgitheanach am measg an fheadhainn nach robh feumach air a leithid de chomhairle. Bhuannaich esan duais airson am filmeadair òg as fhèarr.

[Coinneach Mac a’ Ghobhainn - Neach-aithris] Film Noir a sgrìobh, a stiùirich agus a chlàr e air a fòn-làimhe le Ros cuideachd a dèanamh na cleasachd.

[Coinneach Mac a’ Ghobhainn - Neach-aithris] Agus ‘s e òganach eile a rinn a’ chùis ann am farpais nan inbheach, le à Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis a’ togail duais a’ chleasaiche a b’ fhèarr.

[Kirsty O’ Reilly] Cha robh mi an dùil gum bithinn air buannachadh, bha mi gob-smacked. Bha e sgoinneil.

[Coinneach Mac a’ Ghobhainn - Neach-aithris] Thog na sgothan san fhilm aig Fèis Eilean na Hearadh agus thog iadsan prìomh dhuais nan òigridh.

[Coinneach Mac a’ Ghobhainn - Neach-aithris] Chaidh a’ chuirm a bha làn rionnagan bho shaoghal Gàidhlig, telebhisean Gàidhlig agus telebhisean Beurla a chraoladh beò air an eadar-lìon. Ach a dh’ aindeoin an soirbheachais, cha tèid gin de na filmichean a shealltainn air an tele.

[Iseabail Nic an t-Sagairt] Tha an sianail mar uinneag agus doras chun na Gàidhlig. Tha àitichean eile ann agus bidh sinn a’ brosnachadh sin agus a’ cur taic ris an sin a thaobh leasachadh na Gàidhlig. Ach a thaobh uinneag agus miann agus doras chun na Gàidhlig ‘s e an sianal am prìomh rud airson sin agus tha sinn a’ faicinn an rud fa leth an-dràsta.

[Coinneach Mac a’ Ghobhainn - Neach-aithris] Bha cuideachd farpais ùr ann airson inbhich. Am film èibhinn a b’ fheàrr.

[Coinneach Mac a’ Ghobhainn - Neach-aithris] Na balaich bhon chòmhlan The League of Highland Gentlemen a shoirbhich. Bha iad ag amas air Calmac agus cho tearc ‘sa tha seòlaidhean eadar Malaig ‘s Loch Baghasdail. Ach ‘s e seinneadar eile air an robh iad ag amas ‘s iad a’ togail na duais.

[Eoghainn MacEanraig] Tha e na thlachd gnothach a dhèanamh air Darren MacIlleathain. And I hope none of us have to see Iain Beggs rap ever again!

[Coinneach Mac a’ Ghobhainn - Neach-aithris] Coinneach Mac a’ Ghobhainn, BBC An Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!