FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Skye Camanachd Sgioba Camanachd an Eilean Sgitheanaich

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Sgioba Camanachd an Eilean Sgitheanaich

[Ailean MacLeòid – Preseantair] Agus mu dheireadh a-nochd. Cluichidh Sgioba Chamanachd an Eilean Sgitheanaich ann am prìomh lìog na camanachd airson a’ chiad uair airson còrr is 15 bliadhna nuair a thòisicheas seusan na h-iomain Disathairne. Bha Aonghas Dòmhnallach na chluicheadair san sgioba an turas mu dheireadh a chaidh iad suas chun a’ phrìomh lìog agus tha e a-nis mar phàirt dhen sgioba mhanaidsearachd. Fhuair Kerr Gibb facal air Disathairne mun dùbhlan a th’ air thoiseach orra.

[Kerr Gibb – Neach-aithris] Latha brèagha geamhraidh aig Pàirc nan Laoch, Port Rìgh. Tha sgioba camanachd an eilein air a dhol bhliadhna gun ghèam a chall anns an lìog. Ach, chan eil teagamh sam bith aca gu bheil dùbhlan gu tur eadar-dhealaichte romhpa am-bliadhna, anns a’ phrìomh lìog.

[Aonghas Dòmhnallach] Tha mi smaoineachadh gur e an t-amas as motha bhios againn ‘s e dìreach cumail, beagan adhartas a dhèanamh san iomain agus leis an sgioba fhèin. Tha fhios againn uile gum bi e gu math doirbh, ‘s e lìog gu math doirbh a bhios ann dhuinne as dèidh dhuinn, fhios agad, air a bhith cluich sgiobannan gu math nas, fiù’s na darna sgiobannan aig na sgiobannan tha seo.

[Kerr Gibb – Neach-aithris] Chuir mi ri Aonghas gur e dùbhlan a bharrachd a bhios ann an dèidh bhliadhna cho soirbheachail a bhith a’ fàs cleachdte ri bhith tric a’ call.

[Aonghas Dòmhnallach] ‘S e dìreach an inntinn agus an sunnd a chumail suas. Tha mi smaoineachadh nan rachadh againn fuireach shuas san lìog tha seo son ‘s dòcha dhà no thrì bhliadhnaichean, an uair sin b’ urrainn dhuinn an ath cheum a thoirt agus fhios agad, feuchainn air an ath leth dhen lìog. Ach tha mi smaoineachadh, sgioba sam bith a tha a’ dol suas dhan aphrìomh lìog, ‘s e an t-amas fuireach shuas son a’ chiad dhà no thrì bhliadhnaichean agus tha mi smaoineachadh, tha sinne dìreach san aon ìre ri sin.

[Kerr Gibb – Neach-aithris] Chan eil sgioba an eilein ma-thà air am mealladh gun cuir iad am fraoch na theine aig mullach na prìomh lìog. ‘S e an t-amas tuilleadh adhartas a dhèanamh, cothrom a thoirt ri cluicheadairean òga agus a bhith bruidhinn mu seusan eile sa phrìomh lìog mun àm sa an ath-bhliadhna.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!