FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The Army in Lewis An t-Arm ann an Leòdhas

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

An t-Arm ann an Leòdhas

[Iain MacAonghais - Preseantair] Nise, tha an t-arm a’ feuchainn ri barrachd dhaoine a bhrosnachadh ri dhol nan reservist anns an TA anns na h-Eileanan Siar, is suas ri deich air fhichead obair ann. Bha àrd oifigearan ann an Leòdhas an-diugh airson innse mu na cothroman obrach a th’ann agus airson còmhraidhean air mar a thèid an fheadhainn a chailleadh ann an Tubaist an Iolaire an cuimhneachadh an ceann trì bliadhna eile. Ghabh iad cuideachd cothrom tadhal air taisbeanadh a tha a’ comharrachadh obair an t-saighdeir thar nan linntean. Tha an aithris seo aig Eilidh NicLeòid.

[Eilidh NicLeòid - Neach-aithris] Thàinig an t-arm a Bhail’ Ailein an-diugh a dh’fhaicinn taisbeanadh annasach de chulaidhean aodaich shaighdearan a’ dol air ais còrr agus ceud bliadhna. B’ e cuideigin anns an sgìre a chruinnich iad ach ‘s ann leis a’ choimhearsnachd a tha iad a-nise. Fhuair iad aon deug mìle not bho Riaghaltas Westminster a tha ag amas air taic a chumail ri saighdearan ann am beatha shìobhalta agus an dàimh eadar na feachdan armaichte agus coimhearsnachdan a neartachadh.

[Coinneach Ruairidh Macaoidh] Uill, tha an t-airgead, tha e airson grunn rudan a thaobh an airm. Chuir sinne a-steach airson seo airson gun cumar cuimhne air na chuir na sgìrean ann an Eilean Leòdhais a-steach. Cha b’ ann dìreach anns a’ Chiad Chogadh ach anns a h-uile cogadh a th’ air a bhith ann. Chaidh an taisbeanadh seo a chruinneachadh bhon chiad Zulu war gu Afghanistan agus tha fiosrachadh againn gun robh daoine anns na h-eileanan anns a’ chuid-mhòr dha na bha sin.

[Eilidh NicLeòid - Neach-aithris] Tha an Seachdamh Battalion de Regiment na h-Alba na dhachaigh do shaighdearan pàirt-ùine. Tha iad a’ fastadh dhaoine às na h-eileanan. Tha suas ri fichead obair ri fhaodainn ann an Steòrnabhagh agus tha iad am beachd buidheann a chur air chois ann an Beinn na Faoghla far am bi cothroman cosnaidh agus trèanaidh ann do mu dheichnear.

[Lieutenant Col Piers Strudwick] This is really for young men and women to be able to join the Army Reserves, Seven Scots in particular, but there are also opportunities as chefs, as drivers, as medics and these people are really being able to polish up thier personal development. They are able to look at ways of making themselves better people, of employability skills, of things that make them more attractive to an employer. There is lots of spin-off in terms of training activities that we do, both on the Island and in the Highlands in Inverness and of course throughout Scotland and some training done down on the south coast of England.

[Eilidh NicLeòid - Neach-aithris] Bha dàimh làidir riamh eadar an arm agus na h-eileanan agus bha na saighdearan an seo cuideachd airson còmhraidhean leis a’ chomhairle air mar a thèid ceud bliadhna bhon a thachair tubaist an Iolaire a chomharrachadh. Chailleadh naoi fichead eileanach agus a h-aon a thàinig beò às a’ Chogadh Mhòr nuair a bhuail an soitheach Biastan Thuilm latha na bliadhna ùir naoi ceud deug ‘s a naoi deug. Eilidh NicLeòid, BBC An Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!