FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Beijing to Paris rally Railidh chàraichean Beijing gu Paris

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Railidh chàraichean Beijing gu Paris

[Iain MacIlleathain - Preseantair] Nise, tha càraid à Leòdhas air dùbhlan mòr a chur romhpa fhèin. Feuchaidh Anndra Twort agus Claudine Bloom ri siubhail còmhla ri mòran eile, air railidh chàraichean cho ainmeil 's a th' ann - Beijing gu Paris. Tha an càr a bhios iad a' cleachdadh 50 bliadhna a dh'aois. Chaidh Eilidh NicLeòid ga fhaicinn nuair a fhuair sgoilearan Sgoil MhicNeacail cothrom sùil a thoirt oirre.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Seo ‘Amy Amazon.’ Bhon taobh a-muigh cha tàinig cus atharrachaidh oir’, on a chaidh a togail ann an 1975. Ach na broinn, chaidh obair luach còrr agus £3000 not a dhèanamh airson a dèanamh deiseil son turas 9,000 mìle tro chuid de na h-àitichean as iomallaiche san t-saoghal.

[Tormod Mac a’Ghobhainn] ‘S e an neartachadh as motha chanainn, tha rud ris an can iad roll cage na bhroinn, rud a chì thu air a h-uile càr a bhios a’ dèanamh railidh mar sin. Ach chuir iad cuideachd barrachd stàilinn na bhroinn, sìos air fad a’ chàir agus dol gu gach oisean dhen chàr airson mar a bha sinn ag ràdh, chan e ròidean a bhios ann am pàirt dheth. Tha na ròidean againne dona gu leòr le na tuill a th’annta, bithear a’ briseadh springs is eile ach nuair a smaoinicheas thu a bhith dol a-mach rathad mònach no rudeigin mar sin son na mìltean mòra, cha sheasadh càr àbhaisteach ris.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] ‘S ann le Anndra Twort a tha an carbad. Bidh e fhèin ‘s a chompanach Claudine Bloom a’ dràibheadh tro 11 dùthaich, ochd latha ann am fàsach Gobi, ‘s feumaidh iad a h-uile càil a dh’ fheumas iad a’ ghiùlain, eadar stuth campachaidh agus càraidh. Bidh e cho teth ri 40 Celsius tron latha agus -15 air an oidhche. Ach chan e sin an dùbhlan as duilghe a bhios romhpa tha e coltach, ach a mhì-chinnt phoilitigeach.

[Anndra Twort] The political situation every time you turn the news on, there’s some story about Russia. And they’re not always good stories. How true they are we have no idea. So the political situation not necessarily in that country but in other countries causes some concern. That might be the biggest issue and biggest problem.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Thèid airgead a thogail do charthannas air an t-slighe - ospais chloinne ann an Sasainn agus Stòras Leanne - an cuimhne nighean òg à Leòdhas a bhàsaich air sgàth Cystic Fibrosis. Chan fhaigh an fheadhainn a bhuannaicheas an rèis ach an t-urram agus magnum champagne agus turas nach dìochuimhnich iad. Bidh ‘Amy Amazon’ agus 60 càr eile a’ fàgail Beijing air an 10mh dhen Ògmhios agus air an rathad airson còig seachdainean, mus ruig i deireadh an railidh ann am Paris air an 17mh den Iuchar.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] ‘S cinnteach gur e fìor dhùbhlan a tha gu bhith romhpa. An còrdadh e ribhse bhith còmhla riutha?

[Tormod Mac a’ Ghobhainn] Bhiodh e mìorbhaileach. Tha mi smaoineachadh ma tha ùidh agad ann an càraichean na dol air astair sam bith tha mi smaoineachadh gum biodh e mìorbhaileach.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Eilidh NicLeòid, BBC An Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!