FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Compulsory microchipping for dogs Meanbh-sgealb nan coin

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Meanbh-sgealb nan coin

[Iain MacIlleathin – Preseantair] Nise, feumaidh meanbh-sgealb, no microchip, a bhith anns a h-uile nas sine na ochd seachdainean a dh'aois bhon t-siathamh dhen ath-mhìos. Dh'fhaodadh càin suas ri £500 a dhol air duine aig am bi às aonais meanbh-sgealb. Tha grunn adhbharan ann dhan an riaghailt, nam measg - a dhèanamh nas fhasa beathach a lorg ma tha iad air chall. Tha an aithris seo aig Seonaidh MacCoinnich.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] A rèir coltais tha microchip aig ceithir a-mach à còig coin anns an dùthaich seo. Tha an chip a’ cumail àireamh shònraichte a tha a’ ceangal ri stòr-dàta, far a bheil fiosrachadh air a chumail mun chù. Chan e dìreach aig a tha an ach ‘s dòcha rudan eile mar tinneasan a bha air a’ chù. Fiosrachadh gu math cuideachail ma tha an air a dhol air chall. Chan eil an chip nas motha na gràin ruis agus tha e dol fo craiceann a’ choin.

[Iain MacIlleathain] Tha na chips, tha iad gu math beag. ‘S e rud a th’ann a bhios am broinn snàthaid a tha sinn a’ cur fon chraiceann ann an coin ‘s ann an cait ‘s ann am beathaichean eile. Ach chan eil iad ach mu mheud gràinean rus. Tha mi creids bheil cho leathann ri gràinean rus agus dhà uimhir a dh’ fhaid ri gràinean ruis.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Ach chan eil e dìreach do chon a tha air a dhol air chall.

[Iain MacIlleathain] Tha dòighean eile air a chall cuideachd. ‘S e gun tèid an goid. Agus nan deigheadh a ghoid agus gun tigeadh cuideigin tarsainn air a’ chù ‘s gun leughadh iad an chip dh’innseadh an chip sin dha daoine gu robh an sin le cuideigin agus gun dòcha nach robh an duine sin air cead a thoirt dhan fhear aig a bheil e an-dràsta falbh leis a’ chù agus bhiodh e na chuideachadh dhuinn, ag innse dhuinn gu bheil suidheachadh ann far bheil coin air an goid.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] An-uiridh ann an Alba bha mu 1500 air an air an dealachadh le 90 dhuibh air an cur nan cadal. Bidh barrachd uallaich ann cuideachd air daoine airson mar a tha na coin aca air an giùlain. Agus tha an aon lagh a’ tighinn gu buil ann an Sasainn agus a’ Chuimrigh air an aon latha.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Ma tha agad agus tha e nas sinne na ochd seachdainean a dh’aois, tha nas lugha na mìos agad airson a bhith cinnteach gu bheil microchip aige. Agus nas cudromaiche, airson am fiosrachadh air a chumail an àird. Seonaidh MacCoinnich agus Dìleas, BBC An Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!