FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Reducing air pollution and fuel costs A' lùghdachadh truailleadh adhair agus cosgaisean connaidh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

A' lùghdachadh truailleadh adhair agus cosgaisean connaidh

[Dòmhnall Angaidh Moireasdan - Preseantair] Nise, fhuair mòran dhaoine air taobh siar Leòdhais an-diugh cothrom ionnsachadh ciamar a dh'fhaodadh atharrachaidhean beaga anns na dòighean dràibhidh aca gearradh sìos air truailleadh adhair agus air na cosgaisean aca. Tha Urras Coimhearsnachd Horsiadar air trì latha de thrèanadh a chur air dòigh le fear aig a bheil sgoil-dhràibhidh air tìr-mòr. Chaidh Dòmhnall MacLaomainn a dh'fhaighinn a-mach ciamar a tha an trèanadh a' dol, dhuinne.

[Dòmhnall MacLaomainn – Neach-aithris] Ròidean a tha iad air a bhith dràibheadh airson deichean de bhliadhnaichean. Chuireadh iad geall nach bi trioblaid sam bith aca siubhal eadar Siabost bho Dheas gu Bràgair gun fosgladh an sùilean. Ach mar phàirt de phròiseact Urrais Coimhearsnachd Horsiadar, a thaobh atharrachadh na sìde, chuir fear-teagaisg dràibhidh beachd no dhà ùr nan cinn.

[Niall Foderingham] Well I’m here on behalf of the Energy Savings Trust and what we’re trying to do is try and educate people that have been driving for a while, how to maybe save more money in the way they actually drive. So we’ve just had the first person and we increased the miles by five miles more to the gallon, just on a short route. So that’s fantastic results so far.

[Dòmhnall MacLaomainn – Neach-aithris] Tha Niall an seo airson trì latha, a’ toirt daoine a-mach sa chàr shònraichte aige. Bidh iad an toiseach a’ dràibheadh mun cuairt gun comhairle sam bith ‘s an uair sin le comhairle bho Niall. Agus bidh an uidheamachd aige sealltainn dh’ fhaodadh iad a shàbhaladh a thaobh connadh sa bhliadhna.

[Etta Mhoireasdan] Uill bha, nas urrainn dhut. Tha mo chas-sa dol chun a’ bhùird cha mhòr cha mhòr fad na tìde agus cha robh e ag iarraidh orm sin a dhèanamh ann. Mo chas a chumail bhon a’ bhòrd.

[Dòmhnall MacLaomainn – Neach-aithris] Agus an àireamh de dh’ airgead a dh’ fhaodadh tu shàbhaladh?

[Etta Mhoireasdan] Oh, £130 anns a’ bhliadhna.

[Dòmhnall MacLaomainn – Neach-aithris] Chan e deuchainn a bha seo idir ach cothrom airson Niall atharrachadh cuid dhe na cleachdaidhean aig na dràibhearan.

[Niall Foderingham] We don’t try and change, on these types of days we don’t try and change because a lot of people are quite, kind of like “oh gosh is this a driving test.” It’s nothing about that. We’re basically just looking at the style of the driving and possibly if they do have habits, for example possibly changing down the gears, because a lot of us were taught to do that. That can actually cost a lot of money if you’re doing that over a period.

[Dòmhnall MacLaomainn – Neach-aithris] Agus tha a h-uile coltas ann gun do chòrd an trèanadh riutha.

[Etta Mhoireasdan] Oh bithidh, bithidh. ‘S fhiach a dhèanamh. Tha mi smaoineachadh gum biodh seisean eile math airson ionnsachadh barrachd. Bhon bha mi nearbhasach ann an siud, so mar as motha a tha thu a’ dràibhigeadh ‘s ann as fhasa a tha e dol dhut.

[Dòmhnall MacLaomainn – Neach-aithris] Tha an trèanadh a’ dol gu Diciadain. ‘S dòcha nach fhaigh iad àite air Top Gear ach bidh sgillinn no dhà a bharrachd aca nam pòcaid aig deireadh na bliadhna. Dòmhnall MacLaomainn, BBC An Là, Siabost.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!