FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Highland shepherd retires at 83 Cìobair air a' Ghàidhealtachd a' leigeal dheth a dhreuchd aig 83

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Cìobair air a' Ghàidhealtachd a' leigeal dheth a dhreuchd aig 83

[Iain Macaonghais - Preseantair] Nise leigidh fear a bha na chìobair fad iomadh bliadhna air a’ Ghàidhealtachd dheth a dhreuchd aig deireadh na mìos, an dèidh 43 bliadhna. Airson greis mhòr tha Dòmhnall Macleòid air a bhith ag obair dha na Christiansens - teaghlach às an Danmhairg a tha am measg an fheadhainn as beartaiche san t-saoghal. Ach tha Dòmhnall, a bhuineas do Ratharsair, a-nis 83, agus 's fhada bho bha a bhean, Anna, ag iarraidh gun gluaiseadh iad gu àite far a bheil barrachd ghoireasan ann. Le tuilleadh, Seo Pàdraig MacAmhlaigh.

[Pàdraig MacAmhlaigh – Neach-aithris] Dòmhnall MacLeòid a’ biathadh chaorach ann an Srath Chonainn, rud nach bi e dèanamh mòran nas fhaide agus gun teagamh, bidh e ag ionndrainn a’ ghlinne.

[Dòmhnall MacLeòid] - Uill an atharrachadh as motha a tha mise cur air a’ Phàdraig ‘s e mar a dh’ fhalbh na caoraich ‘s an crodh a bh’ aca an seo agus chan eil iad ag obair na talmhainn mar a chleachd iad. B’ àbhaist a bhith ag obair na talmhainn seo, a’ fàs feur is tuineap ‘s buntàta. Chan eil càil dhen sin a’ dol an-diugh. Agus tha sluagh air falbh cuideachd. An fheadhainn a dh’ aithnicheadh mi ann an seo bho chionn còrr is 40 bliadhna chan eil iad ann an-diugh. ‘S e srainnsearan a tha tighinn a-staigh an-dràsta.

[Pàdraig MacAmhlaigh – Neach-aithris] Air ais aig an dachaigh aca aig Dail Breac tha bean Dhòmhnaill, Anna, toilichte air an aon làimh ach beagan brònach air an làimh eile.

[Anna NicLeòid] Ionndrainnidh mi e cuideachd. Ach ‘s toil leam a dhol sìos faisg air na bùithtean ‘s a h-uile th’ann. Tha am fear tha seo, bidh e ga ionndrainn gun teagamh ach, och uill. Tha sinn greis ann an seo a-nise co-dhiù.

[Pàdraig MacAmhlaigh – Neach-aithris] Ach ciamar a chuireas Dòmhnall seachad an latha nuair a thogas iad orra? Cha bhi monadh, ‘s cha bhi stoc no aige ann an Inbhir Pheofharain.

[Anna NicLeòid] Bidh e gu math lost às aonais a h-uile càil. Fàsaidh e used ris ge-tà. Chì sinn!

[Dòmhnall MacLeòid] ‘S e latha duilich a bhios ann ceart gu leòr nuair a bhios mi crochadh mo mhaide suas. An àite a bhith dol a-mach leis an Shepherd’s Crook bidh mi breith air a hoover a-nise, going round the room. Och feumaidh mi tòiseachadh a bhith caran domesticated a-nise.

[Pàdraig MacAmhlaigh – Neach-aithris] ‘S ann ann an Srath Chonainn a thogadh a mac, Niall, gu ìre. Chùm e a’ Ghàidhlig suas ged a tha e a-nise fuireach faisg air Glaschu.

[Niall MacLeòid] Tha fhios agam gu bheil mo mhàthair gu math keen a’ fàgail Srath Chonainn. Chan eil m’ athair ceart gu leòr, bidh esan ga ionndrainn. Chan eil esan keen dol chun nam bailtean. Cus solais ‘s cus similearan sa bhaile airson m’ athair! Ach co-dhiù feumaidh e leigeil dheth a dhreuchd agus tha mi toilichte gu bheil iad a’ fàgail agus an t-slàinte aca.

[Pàdraig MacAmhlaigh – Neach-aithris] Tha dìreach trì bliadhna bho chaidh 80 bliadhna Dhòmhnaill a’ chomharrachadh le cuirm anns an talla an Srath Chonainn agus muinntir a’ ghlinne cha mhòr air fad an làthair. Tha Dòmhnaill a-nise ge-tà a’ gabhail ris gu bheil an t-àm ann aghaidh a chur air earrainn eile de bheatha, pìos air falbh.

[Dòmhnall MacLeòid] Och, mar a tha iad a ràdh tha toiseach agus crìoch aig a h-uile càil agus seo agad a’ chrìoch agamsa, cìobaireachd co-dhiù. B’ fheàrr leamsa a bhith a bhos anns na glinn an seo. Sin mar a tha a Phàdraig, thig crìoch air a h-uile càil.

[Pàdraig MacAmhlaigh – Neach-aithris] Pàdraig MacAmhlaigh, BBC An Là, Srath Chonainn.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!