FaclairDictionary EnglishGàidhlig

New music festival in Benbecula Fèis-chiùil ùr ann am Beinn na Fadhla

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Fèis-chiùil ùr ann am Beinn na Fadhla

[Iain Macaonghais – Preseantair] Nise, dh’fhaodadh sluagh Uibhist a dhol am meud a chairteal uiread thairis air dà latha, nuair a bhios Fèis an Eilein Dhuirch a’ dol anns an Iuchar. ‘S e fèis ùr a tha seo, a thèid a chumail ann am Beinn na Fadhla, a bhios freagarrach do gach aois. Thathar an dòchas gun toir e togail do luchd-gnothachais agus nach cuir an aimsir bacadh air. Tha Shona NicDhòmhnaill ag aithris.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Machair Lìonacleit, far am bi fèis ùr as t-samhradh. Thathar ag amas air fèis beagan eadar-dhealaichte bhon fheadhainn eile a tha stèidhichte mar-thà anns na h-eileanan agus air a’ Ghàidhealtachd.

[Ruairaidh MacAoidh] Tha sinn a’ toirt còmhla ceòl traidiseanta agus ceòl caran mainstream can. Tha sinn a’ dol o Na Balaich Bhatarsaigh, a tha còrdadh ris a h-uile duine co-dhiù ach aig a’ cheann eile tha còmhlan againn The Tailormade. Bha iad sin shìos aig na Brit Awards agus fhuair iad Brit Award airson nam buskers as fheàrr ann an Lunnainn.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] A bharrachd air còmhlain-ciùil air an oidhche, bidh cur-seachadan ann airson clann agus teaghlaichean air feadh an latha.

[Danielle Nic Gille Bhraith] Air Disathairne tha bouncy castles ann ‘s tha an cladach faisg ‘s tha mi smaointinn gu bheil tòrr, face paints no geamannan, rudan mar sin airson clann bheag ach an seo bidh iad uile còmhla, bidh iad uile a’ cluich ‘s bidh mamaidhean eile ann ‘s bidh granaidhean agus papas. Caran, latha math airson an teaghlaich.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] ‘S ann air an deireadh-sheachdain mu dheireadh dhen Iuchar a bhios an fhèis. Tha mu 800 tiocaid air an reic mar-thà, a’ chuid mhòr dhiubh sin le daoine o thaobh a-muigh an eilein.

[Iain Moireasdan] O chionn bliadhnaichean an seo ‘s e An Cèitean ‘s An t-Ògmhios as trainge dhuinn agus ‘s ann a tha gnothaichean a’ teannadh a slacadh dheth san Iuchar. So nì sinn toileachadh mòr ris san Iuchar. Chanainn gun toireadh e togail math dhan ghnothach.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] ‘S e Stòras Uibhist a’ chiad bhuidheann a tha air taic-airgid a thoirt dhan fhèis ùir.

[Clair NicNèill] Tha e follaiseach gun toir an fhèis iomadh rud dhan àite agus gu h-àraidh dhan eaconamaidh, ‘s bha sinn a’ smaointinn mar a tha sinne aig Stòras Uibhist, nan tigeadh sinne a-staigh an toiseach gun leanadh an fheadhainn nas motha sinn agus gum faiceadh iad gu robh sinne a’ cur tacsa ris a’ phròiseact.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Tha na stiùirichean air an fhèis ullachadh airson agus nach cuir droch aimsir, ma thachras e, bacadh air gnothaichean.

[Ruaraidh MacAoidh] Tha e am broinn teanta co-dhiù. ‘S mar sin ma tha an dìle uisge ann agus dh’ fhaodadh sin a bhith ann, cha dèan e diofar sam bith. Bidh a h-uile duine tioram, bidh a h-uile duine blàth agus bidh a h-uile duine dìreach, bidh e a’ còrdadh ris a h-uile duine.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Shona NicDhòmhnaill, BBC An Là, ann am Beinn na Fadhla.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!