FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Help with energy costs for areas of Lewis Taic airson cosgaisean cumhachd ann an sgìrean Leòdhais

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Taic airson cosgaisean cumhachd ann an sgìrean Leòdhais

[Iain MacAonghais – Preseantair] Nise cuiridh Urras an Rubha agus Sanndabhaig agus Taighean Innse Gall pròiseact air bhonn anns a bheil luach cha-mhòr £400,000 airson dèiligeadh ri bochdainn connaidh san sgìre. Le taic bho Stòras Atharrachaidh na Sìde, thèid dithis fhastadh airson solais LED a chur gu gach dachaigh san Rubha agus Sanndabhaig, rud a shàbhaileas £100 sa bhliadhna air cosgaisean cumhachd. Tha tuilleadh aig Dòmhnall MacLaomainn

[Dòmhnall MacLaomainn – Neach-aithris] Ann an co-bhanntachd le Taighean Innse Gall tha Urras an Rubha ‘s Sanndabhaig an dòchas togail dhaoine a-mach à bochdainn connaidh sa sgìre. Tha am pròiseact luach £370,000 thairis air còig bliadhna. Le Stòras Atharrachaidh na h-Aimsir a’ cur taic de £70,000.

[Dòmhnall Iain MacSuain] Tha mi smaoineachadh gun dèan e diofar mòr, gu h-àraid anns an sgìre againn fhèin, far a bheil fhios againn gu bheil daoine fulang le bhith cosg fada cus air teasachadh nan taighean aca. Tha e gu math duilich sin a dhèanamh leis an aimsir a th’ againn agus tha fhios againn gu bheil na h-Eileanan an Iar ann an aon de na h-àitichean as bochda, mar na taighean, mar, as bochda anns an Rìoghachd a thaobh teasachadh agus an t-airgead a tha daoine cosg a teasachadh nan taighean.

[Dòmhnall MacLaomainn – Neach-aithris] dìreach a thèid a dhèanamh airson bochdainn connaidh a’ leasachadh? Mar thoiseach tòiseachadh, thèid globaichean ùra LED a thoirt seachad dhan a h-uile dachaigh san sgìre.

[Ciorstaidh NicLeòid] Tha iad fada nas fhèarr nan fheadhainn a th’ann an-dràsta. Tha an aon solas a’ tighinn a-mach aiste ach tha thu dol sìos bho 50 watt sìos gu còig no sia watt. So tha e sàbhaladh dealan airson an taigh ‘s tha e fèir cuideachadh airson bills daoine thoirt sìos.

[Dòmhnall MacLaomainn – Neach-aithris] Tha coimeas aig na solais LED maireachdainn 20 bliadhna. Ach tha barrachd na globaichean ùra an cois am pròiseact sa.

[Ciorstaidh NicLeòid] Bidh sinn a’ dol timcheall an taighe agus bidh sinn a’ coimhead air an taigh agus rudan a gheibheas sinn a dhèanamh san taigh. Mar insulation - gheibheadh sinn internal wall insulation no room roof insulation a dhèanamh agus rudan mar sin. Fèir airson cumail an teas am broinn an taighe. Bidh sinn a’ coimhead air rudan mar thermostats agus programmers agus rudan mar sin airson fèir cuideachadh daoine cumail an dealan aca sìos.

[Dòmhnall MacLaomainn – Neach-aithris] Thèid neach fhastadh airson an obair a dhèanamh agus tha buill an urrais dòchasach gu bheil tòrr a bharrachd pròiseactan dhen leithid san amharc, le airgead na tuath-gaoithe tighinn a-steach.

[Tormod MacLeòid] Tha mi smaoineachadh gur e rud mìorbhaileach a th’ ann agus mur a h-eil mi air mo mhòr mhealladh leis an urras tha seo aig An Rubha agus Sanndabhaig, chan eil ann an seo ach a’ chiad tòiseachadh.

[Dòmhnall MacLaomainn – Neach-aithris] Ma chì muinntir An Rubha ‘s Sanndabhaig fear no bho Taighean Innse Gall aig an doras, dèan cinnteach gun leig sibh a-steach iad. Dòmhnall MacLaomainn, BBC An Là, An Rubha.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!