FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Tourism in Skye Turasachd san Eilean Sgitheanach

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Turasachd san Eilean Sgitheanach

[Iain Macaonghais – Preseantair] Nise le seusan trang na turasachd a’ teannadh dlùth agus dha-rìribh a’ tòiseachadh airson cuid, tha iomadh gnìomhachas anns an Eilean Sgitheanach a’ dèanamh deiseil gus fàilte a chur air an tuilleadh luchd-tadhail. Bha uair ann nuair a bhiodh an sgìre air leth sàmhach taobh a-muigh mìosan an t-samhraidh, ach tha coltach a-nis gu bheil gu leòr àitichean fuirich agus eile a’ dol fad na bliadhna. Chaidh am fear-naidheachd againn Calum MacIlleathain gus faicinn mar a tha diofar ghnìomhachasan a’ dèanamh deiseil airson an t-seusain.

[Calum NacIlleathain – Neach-aithris] Seallaidhean an Eilein Sgitheanaich. ‘S e an cruth-tìre a thàlaidheas iomadach neach an seo. An-diugh, ged a tha cùisean fhathast nas sàmhaiche tron gheamhradh, thig luchd-tadhail anns gach ràith. Tha leabaidh is bracaist Ealasaid NicDhòmhnaill fosgailte fad na bliadhna.

[Ealasaid NicDhòmhnaill] Tha feadhainn ann is tha iad a’ tilleadh ann a h-uile bliadhna agus ‘s dòcha gu bheil, dhà no thrì thrupan sa bhliadhna. Bha feadhainn à Sasainn gu math tric a’ tighinn an seo trì no ceithir thrupan anns a’ bhliadhna. Tha mi smaoineachadh gum bi sinn làn a h-uile oidhche. Tha mi smaoineachadh, coimhead ris an leabhar, tha sinn gu bhith gu math trang.

[Calum NacIlleathain – Neach-aithris] Ann an Stafainn, tha Stòr MhicChoinnich, cuideachd fosgailte fad na bliadhna. Ach, ‘s ann as t-samhradh a tha iad nas trainge. A thuilleadh air a’ bhùth fhèin, thòisich iad air biadh teth a thabhainn. Le iomadh sealladh faisg air làimh, cha bheag an àireamh a thig seachad.

[Rhona NicNeacail] Oh tha sinn trang, tha sinn cho trang. Bidh e làn taobh a-muigh na bùtha ‘s bidh busaichean a’ tighinn ‘s càraichean ‘s bidh daoine feitheamh ach, tha daoine toilichte feitheamh ‘s tha iad toilichte àite-bidhe fhaighinn.

[Calum NacIlleathain – Neach-aithris] Ach tha duilgheadasan cuideachd an lùib àireamh mhòr de luchd-turais. Bha gainnead àitichean-pàircidh na thrioblaid an-uiridh agus tha poileas na sgìre a rabhadh gun tèid tiocaidean a thoirt seachad is carbadan an togail air falbh. Tha dìth thaighean beaga na dhragh cuideachd.

[Rhona NicNeacail] Tha e dona dona, daoine tighinn a-staigh faighneachd airson nan taighean beaga agus chan eil an t-àite as fhaisge, tha Hotel Flòdaigearraidh, Taigh-òsta Flòdaigearraidh, ceithir mìle sìos an rathad, tha sin fosgailte. Ach mu ochd mìle, ann an Ùige suas seachad a’ Chuith-Raing agus tha e dona nach eil taighean-beaga mun cuairt son daoine.

[Calum NacIlleathain – Neach-aithris] Tha planaichean san amharc, co-dhiù aig an Stòr, gus taighean-beaga a thogail. Tha e coltach gu bheil aimsir ainmeil an eilein cuideachd a’ toirt buaidh air gnìomhachasan.

[Dòmhnall MacDhòmhnaill] Tha mi smaoineachadh gur e an rud a th’ air tachairt ‘s e gu bheil barrachd dhaoine a’ tighinn dhan eilean, ‘s dòcha airson ùine ghoirid agus gu bheil iad a’ tighinn ‘s dòcha airson deireadh-sheachdain ‘s an uair sin a’ gluasad air adhart, ‘s dòcha gu meadhan an t-seachdain eadar Disathairne ‘s Disathairne. Ma tha sìde math, chan eil sinn a’ faicinn uiread a dhaoine a-staigh, ‘s fheàrr leotha bhith muigh, ‘s fheàrr leotha bhith sreap, coiseachd, a’ dèanamh rudan a-muigh anns an àrainneachd.

[Calum NacIlleathain – Neach-aithris] Ma tha cùisean mar a bha iad an-uiridh, ‘s e gu lèor a thig a thadhal anns an eilean as t-samhradh. Calum MacIlleathain, BBC An Là, An t-Eilean Sgitheanach.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!