FaclairDictionary EnglishGàidhlig

WW1 exhibition in South Uist Taisbeanadh a' Chogaidh Mhòir ann an Uibhist a Deas

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Taisbeanadh a' Chogaidh Mhòir ann an Uibhist a Deas

[Dòmhnall Angaidh Moireasdan] Nise tha taisbeanadh ga chumail ann an Uibhist an-dràsta dhen leabhar 'Cruinneachaidh', anns a bheil ainmean dhaoine a chaill am beatha sa Chogadh Mhòr. A bharrachd air sin tha taisbeanadh ann mu mhaighstir Iain MacNèill air an deach crois an airm a bhuileachadh thuras. Tha e a’ dol aig Taigh-tasgaidh Chill Donnain airson beagan làithean ri thighinn. Le barrachd, seo Shona NicDhòmhnaill.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Tha an taisbeanadh, an leabhar ‘Cruinneachadh’ air tighinn gu Taigh-tasgaidh Chill Donnain. Còmhla ris na còig sèithrichean às Eaglais Naomh Adomnanus ann am Passchendaele. Tha gach sèithear a’ comharrachadh bliadhna dhen Chogadh Mhòr. Còmhla ris an sin tha taisbeanadh air an t-sagart Maighstir Iain MacNèill.

[Raghnall MacFhionghain] Bha e ann an àite, bha e ann an Taigh Chearsabhagh ‘s bha e a bhos againn ‘s bha dùil againn gum faigheamaid an cothrom sin a dhèanamh. Agus bha anns a’ Chiad Chogadh agus mar a dh’ obraich rudan a-mach fhuair sinn a-mach stòiridh gu robh sagart à Barraigh ‘s gun deach a dhroch ghoirteachadh anns a’ Chiad Chogadh agus gur e thog an eaglais a bh’ ann an Gearradh nam Mònadh. So, dh’ obraich a h-uile sìon a-mach math còmhla.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Fhuair Maighstir MacNèill a’ Chrois Airm agus tha am bonn sin agus an fheadhainn eile fhuair e air an gleidheadh aig Ionad Dualchas Bharraigh. An-diugh chaidh an toirt air iasad do Thaigh-tasgaidh Chill Donnain.

[Seonaidh Eardsaidh MacFhioghainn] Bha e na shagart, chaplain , bha e na shagart aig na Camshronaich aig àm a’ Chiad Chogaidh agus fhuair e medals. Fhuair e am Military Cross thrup, an dàrna trup, fhuair e aig Loos a’ chiad trup e agus fhuair e aig Passchendaele. Chaidh a dhroch leòn ann am Passchendaele ann an 1917, ann am Passchendaele chaidh a dhroch leòn an sin agus fhuair e bàr air a’ Mhilitary Cross a bh’ aige cheana.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Nochd litir a sgrìobh an sagart gu teaghlach saighdeir eile às Uibhist a chaidh a leòn, an dèidh dha fhaicinn anns an Ospadal.

[Raghnall MacFhionghain] ‘S tha e math gun dearg sinn an cur a-staigh ann an seo ‘s gum faic daoine eile iad seach a bhith glaiste ann am preasa. Bha muinntir Bharraigh bha iad uabhasach fhèin toilichte gun d’ fhuair iad an cothrom tighinn a-null an seo an-diugh. Bha Alasdair, tha e dèanamh tòrr, MacEachainn, bha e uabhasach fhèin toilichte na litrichean sin a th’ aige agus tha iad sean, sean. Na teaghlaichean air falbh air fad, na daoine air falbh, tha e doirbh, doirbh tuigsinn na chaidh na teaghlaichean a bha sin troimhe ann na seann làithean. Bha rudan doirbh gu leòr ach nuair a tha thu call teaghlach mar sin tha e truagh, tha e truagh.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Bidh an leabhar agus sèithrichean eaglais Passchendaele gan toirt air falbh Dimàirt sa tighinn. Ach bidh an taisbeanadh air Maighstir Iain MacNèill ri fhaicinn airson beagan làithean a bharrachd. Shona NicDhòmhnaill, BBC An Là, ann an Uibhist a Deas.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!