FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Unique music course reaches milestone Clach-mhìle dha cùrsa ciùil shònraichte

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Clach-mhìle dha cùrsa ciùil shònraichte

[Angela MacIlleathain – Preseantair] Bidh a' chiad oileanaich air cùrsa ciùil sònraichte a' ceumnachadh a dh' aithghearr. Tha am BA ann an ceòl le Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean ga theagaisg aig astar - a' leigeil le daoine fuireach aig an taigh. Feumaidh iad tighinn còmhla ceithir tursan sa bhliadhna, ge-tà. An t-seachdain-sa tha iad air a bhith ann an Steòrnabhagh. Tha an aithris seo aig Eilidh NicLeòid.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Leasan ann an seinn sailm Ghàidhlig do chuid de na 82 oileanach a tha a’ dèanamh BA ann an ceòl le Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean. Tha oileanaich ann eadar Newcastle ‘s Sealtainn. Tha an teagasg air-loidhne agus tro cheanglaichean bhidio. Ach feumaidh iad thighinn còmhla ceithir tursan sa bhliadhna.

[Robbie Greig] ‘S e dòigh math a th’ anns na residencies daoine ùra a choinneachadh agus daoine eile a choinneachadh a tha thu dìreach a’ faicinn air a VC, air an video conference nuair a tha thu faighinn na lectures agaibh.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Bidh a’ chiad oileanaich a’ ceumnachadh as t-samhradh seo. Tha e coltach nach eil cùrsa eile dha leithid am Breatainn a thaobh nan cuspairean agus mar a thathar gan lìbhrigeadh.

[Anna Wendy Stevenson] And I often mention Thomas Telford’s roads he saw then as opening up the Highlands and Islands and in many ways what technology had enabled us to do is to open up the Highlands and Islands in terms of education and provide students the opportunity to stay at home and we don’t have this big drain of people leaving the Highlands and Islands to go to the central belt.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Bidh mòran a’ roghnachadh beatha mar neach-cluiche proifeiseanta, ach chan eil an t-àrd-ùrlar cho tarraingeach do chuid, ‘s tha an cùrsa seo gan deasachadh beò-shlaint a dhèanamh à ceòl ann an iomadach dòigh.

[Caitlinn Ross] Tha mi dol a bhith a’ clàradh EP anns an t-samhradh so bidh sin math. ‘S dìreach beagan den h-uile rud. ‘S toil leam bhith teagaisg clann bheaga aig na Fèisean.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Eilidh NicLeòid, BBC An Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!