FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Local potatoes for Uist schools Buntàta ionadail dha sgoiltean Uibhist

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Buntàta ionadail dha sgoiltean Uibhist

[Angela NicIlleathain – Preseantair] Chaidh iarraidh air croitearan ann an Uibhist beagan a bharrachd buntàta a chur na bhios a dhìth orra fhèin airson buntàta a chumail ri sgoiltean an eilein. Thathas a’ cur feum air suas ri ceithir tunna uile gu lèir. ‘S e aon bhuidheann a-mhàin a bhios a’ ceannach a’ bhuntàta bho na croitearan agus cumaidh sin smachd air rianachd an sgeama. Tha dòchas ann cuideachd gum faigh an òigridh barrachd tuigse air às a tha am biadh a tha iad ag ithe a’ tighinn. Seo Shona NicDhòmhnaill.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Co-dhiù‘s ann air a ghoil, a phronnadh, air a ròstadh no an-dràsta ‘s a-rithist na shliseagan , tha a h-uile buntàta a thathar a’ cur fa chomhair na chloinne ann an sgoiltean Uibhist air a thoirt a-staigh dhan eilean. Le taic bho sgeama ùr aig Riaghaltas na h-Alba, thathar ag amas air sin atharrachadh.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Tha mise an-dràsta a’ cur buntàta air machaire an Ìochdair. Agus ‘s e amas na pròiseict biadh ionadail do dhaoine ionadail. Gur e buntàta a th’ air a chur ann an Uibhist a bhios ri fhaighinn aig àm diathaid anns a h-uile sgoil ann an Uibhist.

[Ann Nic GilleFhialain] Tha sinn a’ cur buntàta co-dhiù agus o chionn bhliadhnaichean bhiodh sinn a’ cur tòrr a bharrachd ‘s bhiodh sinn gan reic aig margaidean ann an Uibhist ach sguir sinn an uair sin, cha robh na margaidean a’ ruith. Chòrdadh e rium nam biodh sinn a’ fàs barrachd agus cha bhiodh e doirbh sin a dhèanamh, dìreach beagan a bharrachd a chur gach bliadhna airson a chur chun a’ phròiseict airson a chur gu na sgoiltean.

[Ùisdean Robastan] Tha grunn air ùidh a shealltainn taic a chur seachad sin a dhèanamh. Bhiodh an uair sin am buntàta tighinn a-staigh do dh’ àite anns a’ mheadhan mar gum biodh, ‘s dòcha a thaobh tacsa co-dhiù ‘s ann a’ Bheinn na Fadhla a bhiodh e a’ tighinn a-staigh. Tha an fheadhainn os cionn a’ ghnothaich ann an sin a’ cur am buntàta air dòigh, tha an croitear a’ faighinn pàigheadh air a shon ‘s tha an uair sin am buntàta gan cur gu na sgoiltean.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] A bharrachd air lorg carbon a’ bhidh a tha ri fhaighinn anns na sgoiltean a lùghdachadh, ma bhios a’ phròiseact soirbheachail dh’ fhaodadh e leudachadh gu glasraich agus biadh eile san àm ri teachd. Le buntàta blasta ionadail, bu chòir gun leudaich e foghlam na cloinne cuideachd.

[Ann Nic GilleFhialain] Ma chì a’ chlann, tha iad cuideachd gan cur agus an uair sin a’ coimhead as an dèidh agus gan togail agus an uair sin ma tha iad gan ithe sa sgoil, ‘s e rud math a tha sin oir tha iad a’ leantainn a’ bhuntàta tro na diofar stages gus an gabh e ithe. Tha iad ag ionnsachadh tòrr às an sin.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Faodaidh na croitearan buntàta de sheòrsa sam bith a chur airson seo. Shona NicDhòmhnaill, BBC An Là, ann an Uibhist.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!