FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A new course for young mariners Cùrsa ùr dha maraichean òga

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Cùrsa ùr dha maraichean òga

[Anne Lundon – Preseantair] Nise thèid cùrsa ùr a chruthachadh do chlann-sgoile sna h-Eileanan Siar aig a bheil ùidh a dhol gu muir. Chruinnich riochdairean bho dhiofar ghnìomhachasan mara ri luchd-foghlaim ann an Steòrnabhagh an-dè. Dh' aontaich iad a dhol air adhart a dhealbh an teisteanais ùir - a' chiad dhe leithid ann an Alba. Tha an aithris seo aig Eilidh NicLeòid.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Tha maraichean nan Eilean Siar air cliù a chosnadh air feadh an t-saoghail. A-nis tha an ath ghinealach ag ionnsachadh sgilean a deiseil airson obair aig muir iad. Tha cùrsa ann mar-thà do chlann air S4 ‘s S5 agus chaidh a’ chiad choinneamh a chumail ann an Steòrnabhagh an-dè son bruidhinn air teisteanas ùr a bheir cothrom air trèanadh do sgoilearan nas sine mus fàg iad an sgoil.

[Doneil MacCoinnich] ‘S e an rud as duilghe, a thaobh sàbhailteas agus clann òg a’ dol gu muir, a’ falbh bhon taigh ‘s air soithichean, bheil fhios agad, ged a b’ann dìreach tarsainn a’ Mhinch a bhiodh iad a’ dol. Feumaidh sinn tòrr smaoineachaidh mu dheidhinn agus gu h-àraidh air sgàth gu bheil iad a’ dol air bòrd bàtaichean a tha gu bhith falbh bhon taigh, ‘s mathaid oidhche no dhà. So tha tòrr smaoineachaidh ri dhèanamh mu dheidhinn sin fhathast. Chan eil sinn fhathast, chan e done deal a th’ann.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Cha bheag an obair a tha ri fhaotainn. Iasgach, tuathanas an èisg, turasachd, An Cabhlach Rìoghail ‘s An Cabhlach Mharsanta, am measg eile. Thathar an dòchas gun toir an teisteanas ùr cothrom do dhaoine òga nan Eilean Siar a bhith ceum air thoiseach air càch ge bith an gnìomhachas a thaghas iad.

[Jo NicDhòmhnaill] But in terms of, for somebody young to get into the industry, there’s a set agreed set of qualifications that people require. So anything that people can get before they come into the industry will be a major boost for them to be competitive in employment. And most schools, I haven’t heard of schools doing any set of directly linked maritime qualifications that are industry standard before they leave school. So this is completely new, completely different.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Thathar an dòchas gum bi an cùrsa ùr ri fhaotainn taobh a-staigh bliadhna. Eilidh NicLeòid, BBC An Là, Steòrnabhagh.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!