FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Music and Dance Festival in Oban Fèis Chiùil agus Dhannsa san Òban

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Fèis Chiùil agus Dhannsa san Òban

[Alasdair Friseal – Neach-aithris] Bha Fèis Chiùil agus Dhannsa na Gàidhealtachd 's nan Eilean san Òban, air an deireadh-sheachdain. Tha an fhèis air a bhith a' ruith airson 33 bliadhna ach a-nis airson a' chiad uair bha a' Ghàidhlig mar phàirt dhi cuideachd agus tha planaichean aca airson sin a leudachadh. Seo Andreas Wolff.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Tha an fharpais fìdhle am measg an fheadhainn as cliùitiche aig Fèis Chiùil agus Dhannsa na Gàidhealtachd agus nan Eilean anns an Òban. Thàinig na farpaisich an seo às Na Stàitean Aonaichte. Ach thathar a’ feuchainn ri cliù na fèise a sgaoileadh barrachd.

[Dòmhnall MacIlleathain] Although the festival was jaw dropping, it was actually kind of one of Oban’s best kept secrets and indeed one of Argyll’s. Unless you were really involved as a competitor, or as attached to a competitor you wouldn’t have known that much was going on. So over the past 3 or 4 years we’ve been trying to let the genie out of the bottle a wee bit and spread it, create a festival atmosphere in the town and beyond.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Tha farpais a’ bhogsa a’ ruith aig an aon àm agus airson a’ chiad uair bha a’ Ghàidhlig mar phàirt dhen fhèis am-bliadhna cuideachd.

[Vicky NicIlleathain] Ged nach eil farpaisean Gàidhlig againne, tha tòrr rudan Gàidhlig a’ dol air adhart aig an aon àm. Mar eisimpleir tha bùithtean-obrach againn air an deireadh-sheachdain agus bidh sinn a’ dèanamh òrain Ghàidhlig, seinn Ghàidhlig.

[Sarah & Niamh] Bha sinn a’ dèanamh còisir agus còmhlan-ciùil. Agus bhuannaich sinn an còisir, an dàrna duais.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Bha na ceudan an làthair gus coimhead air farpaisean an dannsa Gàidhealaich. Gu mì-fhortanach cha d’ fhuair sinne cead na farpaisean fhèin fhilmeadh ge-tà.

[Marion & Màiri] ‘S e seo fear de na farpaisean as motha a th’ ann, ann an dannsa Gàidhealach. Tha e gu math mòr. Tha e mar, uabhasach mòr dhuinne oir cha bhi sinne a’ dol gu farpaisean cho mòr ri seo, tòrr.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Tha an fhèis air a bhith a’ ruith fad 33 bliadhna ach tha muinntir na fèise ag iarraidh a leudachadh air feadh na Gàidhealtachd agus nan eilean. Andreas Wolff, BBC An La, An t-Òban.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!