FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A new map of Bragar and Arnol Map ùr de Bhràgair 's Arnoil

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Map ùr de Bhràgair 's Arnoil

[Dòmhnall Angaidh Moireasdan – Preseantair] Tha obair a’ dol airson map ùr Gàidhlig a chruthachadh de dhà bhaile air Taobh Siar Leòdhais. ‘S e Urras Coimhearsnachd Bhràgair is Arnoil a th’ air cùl a’ phròiseict. Tha iad ag iarraidh air muinntir an àite tighinn a dh’ fhaicinn taisbeanadh den rannsachadh aca agus cur ri na h-ainmean àite a chruinnich iad gus an gleidheadh airson an ath ghinealaich. Chaidh Eilidh NicLeòid ann dhuinne.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Bha uair ann far an robh ainm aig ar sinnsirean airson gach gleann ‘s gach beann ‘s gach tulach is òs. Ach tha an t-eòlas sin a’ falbh. Cleas iomadach coimhearsnachd eile, tha muinntir Bhràgair ‘s Arnoil a’ feuchainn ri seann ainmean-àite na sgìre a ghleidheadh.

[Ruairidh Moireasdan] Tha am baile againn an-dràsta, Bràgar a Deas, tha pìosan dheth, tha thu a’ tòiseachadh a-staigh anns a’ cheann a-staigh. Tha Sràid an Lòin, Làbost, Cnoc a’ Chàrnain, an Taigh Chùil, Canaigean, a’ Bhuaile agus an Leathad Mòr. Tha ainmean air a h-uile àite a tha sin agus tòrr a bharrachd na sin. Sin an fheadhainn a bha cuimhne agamsa air an-dràst’. Cha robh àite an seo uaireigin nuair a bha mise ag èirigh suas, bha ainm air a h-uile creagan ‘s tuim is geodha sa h-uile càil mun sin. Agus tha e math gun tèid seo a dhèanamh airson gum bi fios aig daoine càite bheil na h-àiteachan sin.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Fhuair urras leasachaidh na sgìre airgead bho Bhòrd na Gàidhlig airson an obair rannsachaidh. Tha iad airson map meud OS a chruthachadh agus cuairtean ùra a chomharrachadh a’ ceangal nan seann ainmean-àite. ‘S e nàdar de cheum chois a bhios ann a dh’innseas sgeulachd mu dhòigh-beatha is dualchas nan daoine a bha uair a’ fuireach ann.

[Eòghainn MacLeòid] Tha na sgeulachdan agus an eachdraidh a tha co-cheangailte ri na h-ainmean sin, tha iadsan cudromach agus tha iad a’ toirt dhuinn barrachd fiosrachaidh air mar a bha daoine beò agus mar sin tha sinn a’ sireadh nan ainmean gus sgeulachd innse. Tha sinn air ìre ruighinn far nach e buileach mapaichean a th’annta ach dealbhan dùthcha a dh’innseas sgeulachd mun bhaile, mun dòigh-beatha a bh’ aig na daoine agus an cultar a bh’ aca.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Bidh an taisbeanadh fosgailte airson mìos eile. Cuiridh iad fàilte chridheil air a h-uile duine ach gu h-àraidh air daoine aig a bheil ainmean-àite a chuireas iad ris a’ mhap. Agus ged nach bi na h-ainmean air bilean dhaoine mar a b’ àbhaist, tha dòchas ann nach tèid iad an dìochuimhn an fheadhainn a thàinig às an dèidh. Eilidh NicLeòid, BBC An Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!