FaclairDictionary EnglishGàidhlig

App to help the emergency services App airson seirbheisean èiginn a chuideachadh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

App airson seirbheisean èiginn a chuideachadh

[Dòmhnall Angaidh Moireasdan – Preseantair] Nise tha Poilis na h-Alba agus na seirbheisean èiginn eile, a' moladh do dhaoine ann an sgìrean iomallach app a chur air na fònaichean aca, a dh' innseas gu mionaideach far a bheil iad, mas e is gu bheil iad feumach air cobhair. Chan ann a-mhàin do dhaoine am measg nam beanntan, no àitichean fìor iomallach a bhiodh seo; ach dh'fhaodadh e bhith na chuideachadh ann an sgìrean far a bheil ainmean coltach ri chèile ach ma dh' fhaodhte grunn mhìltean eatorra. Tha an aithris seo aig Shona NicDhòmhnaill.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Gach bliadhna, thathar a’ cur fios air na poilis, na carbadan-eiridinn agus an t-seirbheis-smàlaidh na ceudan mhìltean thursan, gu bheil feum orra ann an èiginn. Agus aig amannan ‘s ann gu sgìrean dùthchail a thathar gan gairm.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Tha mise an-dràsta a-muigh anns a’ mhòintich. Tha mi air Snaoiseabhal fhàgail air mo chùlaibh agus tha fhios agam gu bheil Staoinibrig air an taobh ud agus mum choinneamh tha a’ Bheinn Mhòr. Nam biodh tubaist agam, agus gum bithinn feumach air cobhair a dhèanamh orm, thigeadh agam air deagh thuairmse thoirt dha na seirbheisean èiginn air far a bheil mi. Ach tha a’ mhòinteach farsaing agus bhiodh e cus na b’ fhèarr nam bithinn ann an fìor èiginn nan tigeadh agam air innse dhaibh dha-rìribh far a bheil mi.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Thig aig app làrach san t-saoghail, air am fòn-làimhe, am fiosrachadh mionaideach sin a thoirt dhomh airson innse dha na seirbheisean èiginn.

[Dòmhnall Aonghas MacAonghais] Nam biodh apps aig daoine air am fòn, bhiodh e na b’fhasa dhuinne faighinn a-mach cà’ bheil iad, tha GPS ann agus tha grid reference, eastings agus northings agus tha sin a’ sealltainn cà’il daoine. Tha e nas fhasa dha cuid den ambulance faighinn a-mach cà’il daoine, sàilleabh an-dràsta feumaidh trì masts a bhith ann airson faighinn a-mach bheil iad. sinn an gnothach às an aonais, ach, e barrachd feum nam biodh e aig daoine, chuidicheadh e sinne nas motha cuideachd.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Tha poilis na h-Alba air moladh do dhaoine ann an coimhearsnachdan iomallach app làrach an t-saoghail a chur air am fòn aca, gun fhios cuin a bhios feum air. Tha an t-seirbheis-smàlaidh agus seirbheis nan carbadan-eiridinn a’ cur taic ris a’ mholadh sin. Chan ann a-mhàin anns a’ mhòintich a dh’ fhaodadh e cuideachadh. Tha ainmean-àite gu math tric nan trioblaid do dhaoine aig gach ceann dhen fòn. Tha Gèirinis ann an Uibhist a Deas coltach ri Càirinis ann an Uibhist a Tuath. Tha Ruaidheabhal ann am Beinn na Fadhla agus ann an Uibhist a Deas.

[Dòmhnall Aonghas MacAonghais] Chan eil e a’ cosg sìon a chur air am fòn agus tha a h-uile fòn a-nis, fònaichean ùra an latha an-diugh, tha e ann co-dhiù, chan eil e a’cosg sìon. Dìreach ga thoirt sìos, ga usaigeadh, ‘s e cuideachadh a th’ann. Chan fheum duine idir a dhèanamh ach tha e a’ dèanamh barrachd cuideachaidh dhuinne.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Mar app agus teicneòlas sam bith eile, cha bu chòir do daoine a bhith nan eisimeil a-mhàin. Ach dh’ fhaodadh e cuideachadh gus an lorg ann an àm ann an èiginn. Shona NicDhòmhnaill, BBC An ann an Uibhist.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!