FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Jacobite steam train starts up again Trèana-smùid nan Seumasach air tòiseachadh a-rithist

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Trèana-smùid nan Seumasach air tòiseachadh a-rithist

[Iain MacIlleathain – Preseantair] Tha trèana-smùid nan Seumasach eadar An Gearastan agus Malaig air tòiseachadh a-rithist. Dh'èirich ceist mun t-seirbheis nuair a chaidh an cead aca a tharraing an-uiridh agus a-rithist aig toiseach na bliadhna, agus dragh air na h-ùghdarrasan mu ìrean sàbhailteachd. Ach, mar a tha Andreas Wolff a-nis ag aithris, tha fàilte mhòr ga chur air an trèana le muinntir Mhalaig.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Trèana-smùid nan Seumasach a’ dèanamh air Malaig. Thòisich an trèana bho ainm eile ann an 1984. Ach dh’ fhàs i gu math cliùiteach às dèidh dha nochdadh ann am filmichean Harry Potter.

[Seumas Shuttleworth] We’ve had Olton Hall, which is our locomotive that all, that we used in all the films. But that’s currently out of service, it’s actually down at the Harry Potter exhibition down in Leavesden at the studios. But it has been to Fort William and it did haul the Jacobite a couple of times but we didn’t realise publicise it, it was just it happened to be there so we thought we’d give it a whirl to Mallaig.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] ‘S ann an seo aig Gleann Fhionnainn a chunnacas an Hogwarts Express anns na filmichean sin. Bidh trèana-smùid nan Seumasach a’ toirt mu 700 de luchd-turais a Mhalaig a h-uile latha. Gu dearbha fhèin an-diugh bha i loma-làn agus ‘s beag an t-iongnadh dh’ fhaodhte leis gun deach ainmeachadh mar fhear de na tursan treàna as fheàrr air an t-saoghal.

[Mìcheal Currie] Tha e uabhasach cudromach do Mhalaig a thaobh àitichean-bidhe ‘s na bùithtean ‘s a h-uile àite eile. Even bàtaichean toirt feadhainn a-mach airson uair an uaireadair eadar an trèan a’ tighinn a-staigh agus an trèan a’ dol a-mach a-rithist. Tha i a’ dèanamh diofar mòr don àite seo meadhan an t-samhraidh.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Tha na h-uimhir a-nis ag iarraidh falbh air an turas seo ‘s gu bheil thrèana-smùid a’ frithealadh na slighe seo gach latha.

[Ailig Dòmhnallach] Thòisich mise uill, dol a-mach ann an 1957 agus ‘s e steam a bh’ annta uile airson sia bliadhna. Agus thàinig na diesels a-staigh an uair sin agus, oh bha steam, thàinig e air ais ann an 1984 agus bha mi ag obair airson treis air an steam againn.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Bha dragh air ùghdarras nan trèanaichean mu shàbhailteachd air trèana eile a tha a’ chompanaidh a’ ruith. Chaidh cead-obrach a thoirt air falbh bhuapa an-uiridh agus a-rithist aig toiseach na bliadhna seo.

[Seumas Shuttleworth] Yes we’ve had some pretty serious discussions with the Office of Road and Rail and they are content with the improvements that we’ve made. Not that it’s really affected the Jacobite, but in terms of the nationwide operation and they are comfortable that we’ve got a plan that satisfies their needs.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Le sin tha seusan trang eile romhpa agus iad an dùil ri 70,000 neach -turais a thoirt a Mhalaig am-bliadhna. Andreas Wolff, BBC An air trèana-smùid nan Seumasach.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!