FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A decline in whisky sold overseas Ìsleachadh air ìrean reic uisge-beatha

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Ìsleachadh air ìrean reic uisge-beatha

[Innes Rothach – Preseantair] Thàinig ìsleachadh air na chaidh a reic de dh'uisge-beatha thall thairis an-uiridh. Tha Comann Uisge-beatha na h-Alba a’ cur a’ choire air an staid chugallach anns a bheil margaidhean na cruinne. Ach mar a tha Doneil MacLeòid ag aithris, chan ann buileach dubhach a tha cùisean a’ coimhead dhan ghnìomhachas.

[Doneil MacLeòid – Neach-aithris] Chaidh an àireamh bhotail gu dùthchannan cèine sìos cha mhòr trì às a’ cheud. Tha luach a chaidh a reic eadar-dhealaichte, sin air sgàth ‘s gun deach barrachd mac na braiche a reic thall-thairis agus tha barrachd luach anns gach botal. Chaidh luach de 3.8 billean not a reic thall-thairis, tha sin fhathast 50% nas àirde na bha e o chionn 10 bliadhna. Ach an dèidh àrdachaidhean aithghearr, tha na bliadhnaichean o chionn ghoirid air lùghdachadh fhaicinn, rud nach eil air fhaicinn ge-tà le cuid, mar droch rud aig a’ cheann thall.

[Murchadh Caimbeul] Chan eil stoc aca agus tha fhios againn air an sin, tha iad a’ dol aig peilear am beatha a’ feuchainn ri uisge-beatha a dhèanamh anns na bliadhnaichean a chaidh seachad airson an stoc a tha iad air a bhith a’ reic a chumail an-àird agus tha sin air a bhith a’ faileachadh orra. Agus tha mi creidsinn gur e faothachadh a bhios ann dhaibh gum faigh iad stoc, beagan de stoc a chumail a-nise airson a thighinn gu ìre aois shònraichte far a bheil iad ag iarraidh.

[Doneil MacLeòid – Neach-aithris] Anns an aithisg aig Comunn Uisge-beatha na h-Alba thuirt iad gun robh eaconamaidhean cugallach ann am pàirtean den t-saoghal a’ fàgail nach robh uimhir a dh’ iarrtas ann airson uisge-beatha leithid Brasil, An Ruis agus cuid a dhùthchannan Afraganach, far a bheil crìonadh air a bhith air gnìomhachasan ola. Tha àrdachadh air a bhith ann am Mexico ge-tà. Aig an taigh dh’ fhaodadh companaidh ùr a bhith ann ged ‘s dòcha nach bi iad aig ìre eadar-nàiseanta fhathast, tha feadhainn à Tìoradh gu companaidh uisge-beatha a stèidheachadh.

[Murchadh Caimbeul] ‘S ann beag a bhios e tha mi creidsinn agus tha margaid ann dha na daoine sin, a tha a’ dèanamh beagan de dh’uisge-beatha, chan eil iad a’ feuchainn ri reic ris a’ mhòr-shluagh agus chan eil iad a’ feuchainn ri reic ris an t-saoghal air fad. Tha na companaidhean mòra air tòrr dhen bheàrn tha sin a ghabhail thairis ach tha mi faicinn gu bheil margaid ann dhaibhsan cuideachd agus tarraingidh e daoine gu ruige Tiriodh agus ‘s e deagh rud a tha sin.

[Doneil MacLeòid – Neach-aithris] A rèir Comann Uisge-beatha na h-Alba tha a h-uile coltas ann thar an ùine fhada gun tèid iarrtasan an-àird le barrachd prothaid ga dhèanamh le gach botal. Doneil MacLeòid, BBC An Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!