FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Workshops on power cuts Bùithtean-obrach mu chall an dealain

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Bùithtean-obrach mu chall an dealain

[Anne Lundon – Preseantair] Nise cho deiseil agus a tha coimhearsnachdan airson nan trioblaidean a dh'fhaodadh a thighinn an cois fìor-dhroch aimsir? Tha SSE air bùithtean-obrach a chur air dòigh air feadh nan Eilean Siar airson cuideachadh le coimhead às dèidh a chèile ma chailleas daoine an dealan, a thuilleadh air duilgheadasan eile a dh'fhaodadh èirigh ri linn droch aimsire. Tha tuilleadh aig Shona NicDhòmhnaill.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Le lìonra nas treise air feadh nan eileanan, chan eil daoine a’ call an dealain cho tric agus a b’ àbhaist. Ach a dh’ aindeoin sin tha e riatanach a bhith deiseil airson nan trioblaidean a thig an cois droch aimsir. Mar sin, tha a’ chompanaidh dealain SSE ag amas air coimhearsnachdan a chuideachadh mu choinneamh sin.

[Calum Ìosaph Mac a’ Phì] Tha e taghta dhuinne a bhith a’ deasachadh airson a bhith a’ dol air falbh agus a’ càradh uèirichean agus a’ cur a’ phower air ais gu taighean. Ach feumaidh sinn coimhead às dèidh nan daoine, muinntir an àite cuideachd agus ma gheibh iad còmhla agus ma bhios iad deiseil air a shon bidh àitichean againn far am faod iad biadh a theasachadh do dhaoine, gu seachd àraidh seann daoine no daoine le clann òga.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Thairis air naoi latha anns An Fhaoilleach am-bliadhna, bha 20 trioblaid aig SSE ri chàradh air feadh lìonra an dealain anns na h-Eileanan an Iar. Thairis air an aon àm an-uiridh, bha 126 trioblaidean rin càradh às dèidh aimsir air leth. Aig an àm sin, thug Cal Mac cuideachadh do 50 duine anns na Hearadh leis a’ bhàt’-aiseig am Finlaggan, a’ cur air dòigh deoch agus biadh teth còmhla ri goireasan airson nighe. Ach tha feum aig coimhearsnachdan fhèin a bhith deiseil airson daoine a chuideachadh.

[Aonghas Dòmhnallach] Tha buidheann aca a-nis airson mar a tha obair nan cabhsairean agus stoirm ann agus gnothaichean mar sin airson cabhsairean a dhùnadh ‘s tha iad a’ deisealachadh deasbad a’ ghnothaich làithean ron àm. Agus tha fhios aca tha iad dol a dhèanamh ma thachras an gnothach. So tha mi smaoineachadh gum biodh e glè mhath nam biodh buidheann, cha leig e leas a’ bhuidheann a bhith ro mhòr ach nam biodh deannan dhaoine ann a dh’ fhuiricheadh còmhla agus, “nì thusa siud agus mise seo.”

[Calum Ìosaph Mac a’ Phì] Chan ann really, son an dealan a bhith dheth idir ach nan tigeadh stoirm dhona, dhona ‘s gum milleadh i an t-àite, airson ‘s gum faigheadh sinn muinntir an àite a bhith deiseil air a shon agus gum bi fhios aig daoine cà’ tig iad ‘s iad.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Bidh bùth-obrach ann an Steòrnabhagh Diluain sa tighinn, air An Tairbeart Dimàirt, an latha mu dheireadh dhen Chèitean agus ann am Beinn na Faoghla Diciadain, 1mh den Ògmhios. Shona NicDhòmhnaill, BBC An Là, ann an Uibhist. =

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!