FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Isle of Mull row Ag iomradh timcheall Eilean Mhuile

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Ag iomradh timcheall Eilean Mhuile

[Anne Lundon – Preseantair] Thòisich sgioba às Eilean Mhuile air slighe an-dè is iad ag iomradh timcheall air an eilean. Tha astar de 90 mìle na lùib agus thathas an dòchas gun tèid aca a dhèanamh ann an trì latha. Tha iad ga dhèanamh airson airgead a chruinneachadh airson raon-cluiche air an eilean. Tha an aithris seo aig Seonaidh MacCoinnich.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Le ceòl na pìoba ri chluinntinn air an cùlaibh, dh’ fhàg an sgoth, An Eala Bhàn agus Sìne Bhàn, ’s iad a’ dèanamh oidhirp a dhol timcheall Eilean Mhuile. Chan ann cho tric sin a bhios latha cho ciùin 's a th’ann an-dràst ann, rud a tha a’ toirt toileachas dha na sgiobaidhean. Thèid aca air stad nuair a bhios i dorcha, agus daoine de gach aois a’ gabhail pàirt san iomairt.

[Niall MacAonghais] Bidh mi, an trup seo tha mise ag iomradh Diardaoin agus anns an safety boat Dihaoine. Uill bidh mi ag iomradh Dihaoine cuideachd agus a’ dèanamh safety boat cover. Tha mi smaointinn gum bi sinn shìos mu Loch Spelve no Craignure ‘s a-nuas gu Tobar Mhoire Dihaoine. Tha mi an dòchas co-dhiù!

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Ach ris a tha a’ mhuir timcheall chladaichean Mhuile coltach?

[Cailean Moireasdan] Bhiodh e nas doirbhe anns na torrannan agus a’ dol timcheall nan rubhannan mar Cailleach agus Treisnis. Ach tha iad gu math fortanach gu bheil an tìde cho ciùin an t-seachdain seo. Tha mi cinnteach gu robh e feumail a’ dol a-mach a dh’iomradh tric anns na seachdainean a chaidh airson dèanamh deiseil.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Agus chan eil teagamh ann gum bi e ga fhaireachdainn às dèidh trì latha fada.

[Nick Turnbull] The hands, obviously, start to get blisters on them, there’s no way round that. They’ll get blisters. So you’ve got to go through that pain barrier of blisters. And the muscles are all going to get tired, they’re big boats, they’re heavy oars and it’s going to be tiring without a shadow of a doubt.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Thathas an dòchas tron iomairt aca airgead a thogail airson raon-cluiche ùr ann an Dearbhaig.

[Cailean Moireasdan] ’S e pròiseact cudromach a tha seo oir tha ionad-spòrs againn, a tha feumail, mar a tha e a-nis. Agus bhiodh e math dha-rìribh airson clann na sgìre, luchd-turais agus a h-uile duine eile san àite, gum bi àite againn far am bi e comasach spòrs a chluich.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Uill tha sinn faisg air Calgairidh air ceann a tuath dhen eilean agus tha iad air 17 mìle a dhèanamh mar-thà. So, chan eil ach 73 mìle ri dhol. Seonaidh MacCoinnich, BBC An Là, Muile.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!