FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Argyll Drama Festival Fèis Dràma Earra-Ghàidheal

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Fèis Dràma Earra-Ghàidheal

[Anne Lundon - Preseantair] Bha ceithir dealbhan-cluiche ann an Gàidhlig ri fhaicinn aig Fèis Dràma Earra-Ghàidheil bho thrì dhiofar Bhun-sgoiltean. B’ e seo an 10mh fèis san sgìre - thàinig sgoilearan à Muile, Dùn Omhain agus às an Òban fhèin thuice. Chaidh Andreas Wolff ann dhuinne.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Bha na sgoilearan seo bho Bhun-sgoil Thaigh a’ Chladaich ann an Dùn Omhain am measg an fheadhainn a ghabh pàirt ann am Fèis Dràma Earra-Ghàidheil. Chaidh a cur air dòigh airson an 10mh turas.

[Debbie NicAoidh] Tha piseach mòr a’ tighinn air na sgilean cànain aca tro dhràma. Gheibh iad an cothrom, gheibh iad an cothrom cluiche nuair a tha iad a’ dèanamh dràma. Gheibh iad an cothrom cluiche leis a’ chànan agus cluiche, dìreach air mar a dhèiligeadh iad fhèin le suidheachaidhean eadar-dhealaichte.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Bha sgeulachd mu dhraoidheachd aig Bun-sgoil Achadh na Creige anns an Òban.

[Bethan] Bha beagan de dh’obair ann ach cha robh tòrr obrach.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Agus an robh e spòrsail?

[Bethan] Bha e uabhasach spòrsail.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Agus seo sgoilearan bho Bhun-sgoil an t-Sàilein ann am Muile.

[Clare Jordan] Bha feum againn air tòrr obrach a dhèanamh air, na guthan aca, air a chur a-mach chun an luchd-èisteachd is eile. Agus an uair sin bha na pàrantan gar cuideachadh leis na props is an aodach a bh’ againn.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Agus shaoileadh gu bheil draoidheachd ceangailte ris an lasair Oilimpigeach cuideachd. Tha cothrom ann dhaibhsan a tha airson na sgilean dràma a thoirt air adhart barrachd.

[Aonghas MacLeòid] Tha cothrom ann do dhaoine nas sine, do dh’ òigridh can aig aois, uill deugairean eadar 14 bliadhna a dh’ aois agus 18 bliadhna a dh’ aois, pàirt a ghabhail anns an sgoil shamhraidh dhràma againn a tha a’ gabhail àite ann am Port Rìgh.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Andreas Wolff, BBC An air planaid an Òbain.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!