FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Portree church bell chimes once more Clag Phort Rìgh a’ gliongadaich uair eile

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Clag Phort Rìgh a’ gliongadaich uair eile

[Angela NicIlleathain – Preseantair] Tha fuaim a bha mòran uair gu math eòlach air ri chluinntinn ann am Port Rìgh a-rithist. An dèidh a bhith brist fad ùine mhòr tha clag Eaglais na h-Alba ann am meadhan a' bhaile air a chàradh agus a' gliongadaich uair eile. Agus mar a tha Calum MacIlleathain ag aithris chan fheumar an-diugh ròp mòr a shlaodadh airson a chur a dhol.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Meadhan-latha agus clag Eaglais na h-Alba ri chluinntinn a-rithist. Bha cuibhle air a’ ghlag briste agus bha dùil gun cosgadh e an t-uabhas a chàradh. An dèidh rannsachadh chaidh siostam eileagtronaigeach a lorg air an eadar-lìon a chaidh a chur an àite na h-uidheamachd a bha ann roimhe.

[Tormod Bruce] There was a mechanical system, it was a rope which went on to a chain, a sprocket on a wheel and you would go out there in all weathers then you would grab this rope and pull and it would swing the bell and you’d get one dong and then you’d wait and then you’d pull the rope again, another dong, it was quite strenuous pulling that rope. I don’t think they’ll miss it.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Tha an clag fhèin 150 bliadhna a dh’aois ach roimhe seo cha robhar ga bhualadh ach air Latha na Sàbaid agus airson tachartasan sònraichte. A-nise thèid a chluinntinn gach uair a thìde eadar naoi sa mhadainn agus ochd uairean san oidhche.

[Lachaidh MacIllìosa] Tha tòrr dhaoine gu h-àraidh mun am seo a bhliadhna, an t-samhradh, tha sìde cho brèagha agus tha daoine nan suidhe meadhan a’ bhaile a-muigh an siud, luchd-turais, agus ‘s e rud a tha a’ còrdadh ris an luchd-turais agus ri muinntir a’ bhaile cuideachd, a bhith a’ cluinntinn clag a’ dol dheth anns an eaglais. Tha seo a’ tachairt ann an iomadh baile beag eile timcheall, ann an Alba agus ann am Breatainn agus ‘s e rud snog a th’ ann agus ‘s e rud a tha a’ toirt seòrsa de chofhurtachd do dhaoine.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Tha an siostam eileagtronaigeach cuideachd a’ ciallachadh gun tèid aca air a chleachdadh airson seirbheisean eile leithid bainnsean. Agus tha e feumail cuideachd airson innse an uair a tha e. Calum MacIlleathain, BBC An nam Port Rìgh aig tri uairean feasgair.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!