FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A memorial for Sorley MacLean Cuimhneachan dha Somhairle MacGill-Eain

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Cuimhneachan dha Somhairle MacGill-Eain

[Angela NicIlleathain – Preseantair] Chaidh plac a tha a' comharrachadh an ùine a chuir Somhairle MacGill-Eain seachad mar cheannard-sgoile aig Àrd-sgoil a' Phluic, fhoillseachadh an-diugh. 'S iad Comann Eachdraidh na sgìre a chuir am plac an-àirde agus mar a tha Calum MacIlleathain ag aithris, bha gu leòr de sheann sgoilearan Shomhairle am measg na bh’ aig a’ chuirm fhoillseachaidh.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Sean agus òg. Chruinnich iomadh neach gus cuimhne a chur air Somhairle MacGill-Eain. Bha cuid de theaghlach, seann cho-obraichean agus seann sgoilearan Àrd-sgoil a' Phluic nuair a bha e aig an stiùir, an làthair an-diugh.

[Màiri Sìne Chaimbeul] Tha mi smaoineachadh gu robh bàidh agus gràdh aig daoine air. ‘S e duine annasach a bh’ ann, duine sònraichte agus mar a bha Neil ag ràdh ron seo cuideachd bha ùidh mhòr aige anns na daoine às a’ bhaile seo agus a h-uile sgoilear a bh’ aig a' sgoil.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Dh’ fhoillsich dithis de nigheanan Shomhairle an sanas air an t-seann dachaigh sgoile anns an do dh’ fhuirich an teaghlach nuair a ghluais iad dhan bhaile o chionn 60 bliadhna. ‘S iad Comunn Eachdraidh a’ Phluic a thog an sanas.

[Màiri Sìne Chaimbeul] Ann an Gàidhlig bha e a’ dol air ais chun an 16mh linn agus an 17mh linn, chan e a-mhàin gu robh a’ bhàrdachd aige ach bha fios aige air an eachdraidh gu lèir air cùl na bàrdachd. Bha e deònach gum biodh sinne anns an àrd-sgoil a’ tuigsinn an seòrsa gaoil a bh’ aigesan air na rudan sin.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Ged a bha Somhairle ri obair làn-ùine mar Mhaighstir Sgoile, chùm e air a’ sgrìobhadh bàrdachd fhad’s a bha e anns a’ Phloc. Tha loidhne bho Creag Dallaig a’ nochdadh air an t-sanas. Ach, a thuilleadh air Gàidhlig agus sgrìobhadh dàin, b’e iomain a bha dlùth dha chridhe.

[Neil MacRath] The boys were playing shinty out in the field and the ball was struck and it hit the dining room window. It smashed and did some damage, whatever. So all the boys were lined up and Mr MacLean came out and he was asking what had happened and well, I was told this by my brother but other people claimed to be the guy who did it so he stepped forward and put his hand up and said, 'it was me.' And Sorley says, 'Good gracious John. What a fantastic shot that was!' So the broken window was forgotten about and the strength of the shot was all important.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Ged a tha bliadhnaichean mòra ann bhon a bha Somhairle MacGill-Eain a’ tàmh anns a’ Ploc, tha deagh chuimhneachain aig mòran san sgìre air fhathast. Calum MacIlleathain, BBC An Là, Am Ploc.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!