FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Calum’s burger Burgar Chaluim

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Burgar Chaluim

[Màiri Rodgers – Preseantair] Tha gille òg à Leòdhas a' dèanamh air Fèill Àiteachais mhòr Dhùn Èideann agus e gu bhith a' taisbeanadh liut shònraichte ann a bhith a' dèanamh burgaran. Fhuair Calum MacRisnidh, a tha air a' chiad bliadhna ann an Sgoil 'Ic Neacail, troimhe chun na cuairt dheireannaich agus tha e a-nis a' strì an aghaidh triùir eile o air feadh Alba feuch cò aig a tha am burgar as fheàrr. Seo Murray MacLeòid.

[Murray MacLeòid – Neach-aithris] Seo Calum air a dhòigh is ag ullachadh am burgar aige fhèin, air an tug e ainm ‘Burgar Mòr nam Marag.’ Tha e a-nise sa chuairt dheireannaich de dh’ fharpais nàiseanta, air a ruith leis a’ bhuidhinn Feòil Inbheil na h-Alba – Quality Meat Scotland.

[Calum MacRisnidh] Uill thug an Home Ec tidsear agam foirm dhomh airson a dhol airson co-fharpais agus chuir mi marag-dhubh agus pork ann. Agus an uair sin thàinig i air ais a-steach agus thuirt i, “oh tha thu troimhe chun na cuairt dheireannaich.

[Murray MacLeòid – Neach-aithris] Gu deimhinne tha coltas math air a’ bhurgar. Tha e air a dhèanamh le feòil-mhuice le ubhal agus uinneanan agus na theis-mheadhan, sliseagan de thaigeis is marag-dhubh. Tha fios a-rèiste gu bheil e coimhead air adhart ri Fèill Àiteachais mhòr Dhùn Èideann?

[Calum MacRisnidh] Tha gu mòr. Air sgàth tha mi faighinn dheth na sgoile agus tha mi a’ faicinn dè am fuss a th’ aig an Royal Highland Show.

[Murray MacLeòid – Neach-aithris] Agus an do dh’ fheuch thu fhèin air a’ bhurgar?

[Calum MacRisnidh] Dh’ fheuch mi am burgar aon trup agus dh’ fheuch mo phàrantan agus mo bhràthair e agus thuirt a h-uile duine gu robh e sgoinneil.

[Murray MacLeòid – Neach-aithris] Uill, le na rudan sin chan eil ach aon rud a’ cunntadh. Tha e math, tha e sgoinneil. Murray MacLeòid, BBC An Là le burgar Chaluim.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!