FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Young Gaelic speakers make videos for learners Luchd-labhairt òg na Gàidhlig a’ dèanamh bhidiothan airson luchd-ionnsachaidh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Luchd-labhairt òg na Gàidhlig a’ dèanamh bhidiothan airson luchd-ionnsachaidh

[Angela NicIlleathain – Preseantair] Tha òigridh a tha fileanta sa Ghàidhlig a' toirt cothrom do luchd-ionnsachaidh an cànan ionnsachadh le bhith a' clàradh dhealbhan-cluiche beaga a thèid a cleachdadh ann am bun-sgoiltean air feadh Alba. Tha an obair cuideachd a' toirt cothrom do na deugairean sgilean - an chuid air beulaibh agus air cùlaibh a' chamara - ionnsachadh. Tha an aithris sa aig Eilidh NicLeòid.

[Cleasaiche] Oh hello, madainn mhath. Is mise Lilidh agus is e seo an cafaidh ùr agam.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] dhe na caractaran a bhios a’ cuideachadh luchd-ionnsachaidh òg na Gàidhlig. Tha uair a thìde gu leth de dhràma anns a’ chafaidh gan clàradh ann an Steòrnabhagh an t-seachdain-sa. ‘S e Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig, a’ chompanaidh a tha a’ deasachadh stuth teasgaisg, th’ air cùl na h-obrach. Mar phàirt dhen phròiseact Go!Gaelic a thòisich bho chionn bliadhna.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Tha na filmichean beaga a’ dèiligeadh ri 20 cuspair uile gu lèir agus thèid an sgaoileadh gu bun-sgoiltean anns na h-eileanan agus ann am mòran sgìrean eile air tìr-mòr.

[Dòmhnall Uilleam MacGille Mhoire] Diofar chuspairean a tha a’ togail air ’s dòcha sgoil, tachartasan, air biadh, nithean mar sin. Agus tha sinn a’ tarraing nan rudan a tha sin ri chèile mar aon chùrsa ach tha e leantannach. Tha iad a’ tòiseachadh le Gàidhlig, facal no dhà, ’s tha iad a’ togail air sin thairis air an 20 ionad gus am bi co-dhiù blas math aca agus raon math de dh’ fhaclan a ghabhas cleachdadh anns na diofar shuidheachaidhean anns am bi iad gam faighinn fhèin.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Tha sianar sgoilearan a tha dìreach dol a-steach dhan t-siathamh bliadhna aig Àrd-sgoil ‘Ic Neacail, ag obair còmhla ri proifeiseantaich an t-seachdain seo. Triùir chleasaichean agus triùir aca ag ionnsachadh an taobh teicnigeach dhen obair.

[Ailig John] Tha mi-fhìn gu pearsanta, ’s dòcha gur e rudeigin a bhios mi ag iarraidh a dhèanamh a th’ ann agus tha e a’ toirt dhomh eòlas obrach. Tha eòlas obrach ga mo chuideachadh agus fhios agad, chì sinn, chì mi an e an rud a tha mi ag iarraidh a dhèanamh a th’ ann.

[Katie] Bha mi smaoineachadh gun deidhinn dhan t-Sabhal Mhòr airson Gàidhlig agus traditional music a dhèanamh. Ach bho thòisich mi seo bha mi ’s dòcha smaoineachadh gun dèanainn na meadhanan an àite sin.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Eilidh NicLeòid, BBC An Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!