FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Skye & Lochalsh charity at 30 Carthannas san Eilean Sgitheanach is Loch Aillse aig 30

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Carthannas san Eilean Sgitheanach is Loch Aillse aig 30

[Dòmhnall Angaidh Moireasdan - Preseantair] Tha 30 bliadhna ann am-bliadhna bho thòisich an carthannas Crossroads ag obair anns an Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse. Bidh an carthannas a' toirt faochadh do luchd-cùraim nan dachannan fhèin. Thèid grunn thachartasan a chumail airson an ceann-bliadhna a chomharrachadh, agus chaidh Calum MacIlleathain gus faicinn beagan dhen obair a tha iad a' dèanamh.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Cupa agus beagan còmhraidh. Cha tèid aig Cathie Ros an taigh fhàgail leatha fhèin a-nise leis gu bheil i suas ann am bliadhnaichean agus air a fradharc a chall.

[Cathie Ros] Tha i tighinn Dimàirt agus Diardaoin ‘s bidh i uair a thìde ann an seo. Tha an-còmhnaidh na h-ighnean a tha ag obair agam a’ coimhead às mo dhèidh. Tha Gàidhlig aig a’ chuid as motha dhiubh.

[Sandra NicÌomhair] ‘S dòcha gu bheil i ag iarraidh shoppadh no tha i ag iarraidh cupa no rud sam bith mar sin, uaireannan tha sinn a’ dol a-mach.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Thòisich Crossroads air obair san sgìre ann an 1986. Sa chumantas bheir e faothachadh do dhaoine a tha a’ toirt seachad cùram nan dachannan fhèin, ach tha iad cuideachd air uallach a ghabhail airson tuilleadh sheirbheisean.

[Jenny Millington] We’re providing support services for people which will help them live an active and full life in the community. It involves taking them to hospital appointments, leisure opportunities and just keeping them connected with the lives that they want to lead. We’ve also developed our services into befriending, which is a massive problem in remote and rural areas, especially in the north of Scotland.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Am meadhan Port Rìgh tha bùth aig a’ charthannas. Bheir daoine stuthan thuca airson reic, leis an airgead a’ fuireach san sgìre.

[Ealasaid NicDhòmhnaill] An-còmhnaidh tha sinn a’ coimhead airson daoine eile mar an-diugh, tha Marion, ‘s ann anns an oifis a bhios ise ag obair, nise tha aicese ri bhith a-muigh an sin an-diugh bho chan eil duine eile ag obair còmhla riumsa an-diugh. So mar sin, bhiodh e math nam biodh cuideigin eile ann. Ma tha duine a-muigh ag iarraidh obair ann tha feum orra staigh an seo.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Tha Crossroads an dòchas gun tèid aca leantainn orra airson co-dhiù an ath 30 bliadhna.

[Cathie Ros] Chan eil mi ag iarraidh an t-uabhas, ach tha mi ag iarraidh cuideachadh. ‘S e Sandra as tric a tha a’ tighinn agus ‘s i a tha còrdadh rium. Bidh sinn a’ dèanamh toileachadh rithe tighinn agus tha i an-còmhnaidh toirt rudeigin math a-staigh airson cupa tì. Sin agad e.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Calum MacIlleathain, BBC An Là, an t-Eilean Sgitheanach.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!