FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Margaret's hobby An cur-seachad aig Mairead

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Thuige Seo with Margaret Stewart Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Thuige Seo còmhla ri Maighread Stiùbhart

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

An cur-seachad aig Mairead

[Dòmhnall Moireasdan] An Dotair Mairead NicFhionghain, eòlaiche-ciùil, seinneadair, sgrìobhadair, eòlaiche cànanachais, britheamh Mòid, tè a theagaisg iomadach duine airson Bonn Òir fhaighinn aig a’ Mhòd agus tè a thug dualchas nan Gàidheal gu cridhe Shasainn far an robh i a’ fuireach, cuid mhòr dhe beatha, Margaret, fàilte oirbh.

[An Dr. Mairead NicFhionghain] Taing, a Dhòmhnaill.

[Dòmhnall Moireasdan] duine sam bith a tha a’ tadhal nam Mòdan bho chionn bliadhnaichean, bidh iad eòlach oirbh, bidh fhios aca an obair a tha sibh air a dhèanamh an lùib sin. Cuiridh mise geall gu bheil tòrr aca nach eil càil a dh’ fhios aca gum biodh sibh a’ cluich poker.

[An Dr. Mairead NicFhionghain] Ò tha mise a’ cluich poker a h-uile bliadhna cha mhòr, uill, dhà no trì triopan sa bhliadhna. Bidh mi a’ dol a Las Vegas nuair a bhios mi a’ teagaisg anns na Stàitean ann an Los Angeles agus ann an San Diego, tha iad faisg air Las Vegas, bidh mi a’ dol ann agus a’ cluich poker.

[Dòmhnall Moireasdan] ‘S, bidh sibh a’ dèanamh airgead le poker?

[An Dr. Mairead NicFhionghain] Ò gu dearbh fhèin, tha. Tha mi uabhasach math air poker oir ‘s e rud a th’ ann airson bluffing agus tha mi math air sin.

[Dòmhnall Moireasdan] ‘S a bheil beòshlaint ri dhèanamh às an

sin? Tha do chuid. Beòshlaint ri dhèanamh anns a bheil?

[An Dr. Mairead NicFhionghain] Uill, tha mise a’ creidsinn nach do phàigh mi airson taigh-òsta anns na Stàitean idir oir fhuair mi airgead aig poker a phàigh airson sin.

[Dòmhnall Moireasdan] Seadh gu dearbha.

[An Dr. Mairead NicFhionghain] Mmmm-hmmm

[Dòmhnall Moireasdan] Uill, uill.

[An Dr. Mairead NicFhionghain] Nach mi a tha clever.

[Dòmhnall Moireasdan] Uill, sin am poker. ‘S e cur-seachad a dh’ aindeoin ‘s gu bheil e a’ pàigheadh airson taighean-òsta, ‘s e cur-seachad a th’ air a’ phoker.

Chaidh am prògram seo, Thuige Seo, a chraoladh an toiseach ann an 2014.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!