FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Church to community centre in Grimsay Eaglais gu Ionad Coimhearsnachd an Griomasaigh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Eaglais gu Ionad Coimhearsnachd an Griomasaigh

[Dòmhnall Angaidh Moireasdan – Preseantair] Nise, a’ gluasad air falbh bhon referendum agus chaidh seann Eaglais Shaor Ghriomasaigh fhosgladh as ùr mar ionad coimhearsnachd. Tha goireasan ann airson cuirmean, coinneamhan agus margaidhean de stuthan ionadail. Thathar an dòchas gum bi an t-ionad na chuideachadh ann a bhith a' tàladh dhaoine a Ghriomasaigh, agus a rèir choltais chan eil ann ach a’ chiad cheum dhan chomann coimhearsnachd a cheannaich an togalach. Tha Shona NicDhòmhnaill ag aithris.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Thòisich an togalach aig Ceann na h-Àirigh ann an Griomasaigh, a tha a-nis na ionad coimhearsnachd, mar eaglais anns na 20an. Bha e air a thogail le fiodh agus staoin. Chaidh togalach de bhlocaichean a thogail mu thimcheall air an sin anns na 60an.

[Jack] Tha dìreach cuimhne agam nuair a bha mi uabhasach fhèin beag bhiodh mi a’ tighinn ann an seo còmhla ri m’ athair agus mo sheanair ‘s mo sheanmhair nuair a bha e na eaglais agus bhiodh sinn a’ tighinn ann an seo air latha na Sàbaid. Agus sin an aon chuimhne a th’agamsa air an togalach seo.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Disathairne, chaidh an t-ionad air a bheil Ceann na h-Àirigh, fhosgladh gu h-oifigeil.

[Jack] Cha b’ urrainn mo sheanair a bhith ann an-diugh agus bha e faireachdainn math gu robh mise mar, ga dhèanamh air a shon.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Tha rumannan anns an togalach airson coinneamhan agus tasglann air eachdraidh ionadail a chumail. Tha cidsin ceangailte ris an rùm mhòr a th’ ann airson cruinneachaidhean coimhearsnachd.

[Annag NicFhionghain] Tha dùil againn a bhith a’ dèanamh gnothaichean air an oidhche ann an seo nuair a bhios e deiseil air a shon. Tha cruinneachaidhean agus leithid ann ‘s tha mi smaointinn gun toir sin daoine staigh. Cumaidh e na daoine còmhla, an lùib a chèile, tha mi smaoineachadh gun cùm co-dhiù.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] ‘S ann aig Ceann na h-Àirigh a bhios oifis a’ phuist airson Griomasaigh san àm ri teachd. Tòisichidh na margaidhean de stuth ionadail gach feasgar Diciadain an t-seachdain seo. Bhon 7mh den Iuchar bidh samhraidh ri fhaighinn ann gach Diardaoin, Dihaoine agus Disathairne.

[Annag NicFhionghain] e cuideachadh mòr. Bidh luchd-turais a’ tighinn ann an seo agus bidh na daoine timcheall ann an seo fhèin bidh iad a’ dèanamh rudan air a shon ‘s tha e tarraing daoine dhan àite ‘s tha e toirt airgead a-staigh gu daoine ann an seo.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Sin a’ chiad phàirt den leasachadh a-nis deiseil. Tha tuilleadh air fàire aig Comunn Choimhearsnachd Ghriomasaigh do Cheann na h-Àirigh. Shona NicDhòmhnaill, BBC An ann an Griomasaigh.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!