FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Tosta festival at Sabhal Mòr Ostaig Fèis Tosta aig Sabhal Mòr Ostaig

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Fèis Tosta aig Sabhal Mòr Ostaig

[Innes Rothach – Preseantair] Tha fèis mhion-chànanan Eòrpach a' tadhal air Sabhal Mòr Ostaig an-dràsta. Tha an fhèis, Tosta, a' siubhal gu seachd dùthchannan fa leth 's iad ag amas air com-pàirteachas cruthachail a chur air chois, stèidhichte air mion-chànanan Eòrpach. Mar phàirt dhen fhèis, gheibh luchd-ealain ionadail cothrom a bhith ag obair le daoine bho dhiofar chultaran. Tha an aithris seo aig Calum MacIlleathain.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Tha Fèis Tosta, airson mion-chànanan a bhrosnachadh le bhith gan toirt còmhla ann an co-obrachadh cruthachail. Anns gach àite dhan tèid an fhèis, tha tachartas latha ga chumail ann am mion-chànan na sgìre.

[Kath NicLeòid] Dh’ èirich am beachd airson Tosta aig co-labhairt ‘Tional’ aig Sabhal Mòr Ostaig ann an 2013. Bha co-labhairt mòr againn le daoine bho na diofar mion-chànanan. A-mach às a’ cho-labhairt sin bha beachd airson fèis a’ dol agus ceangal eadar na diofar chultaran , na diofar mion-chànanan timcheall Eòrpa, timcheall taobh an Atlantic.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] ‘S e being am broinn bàta as ciall don fhacal tosta, ann an iomadh mion-chànan air feadh costa Eòrpach a’ Chuain Siar. Tha tosta cuideachd a’ riochdachadh Donastia / San Sebastian ann an Euskal Herria, no dùthaich nam Basgach, Cathair-bhaile Chultarail na h-Eòrpa 2016.

[Imanol Perotxena & Arantxa Martinez] The first stop was Ireland, then we went to Cornwall, then we went to Wales, now we are here in Alba. Our forthcoming stops would be in Friesland, Dokkum, afterwards would be Galicia and then Errenteria in the Basque Country our last stop.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Mar phàirt den fhèis, shiubhail neach-ealain às gach dùthaich thall-thairis gus obair le cultar eile.

[Sophie NicSteafain] Bha mi nam neach-ealain air mhuinteanas ann an dùthchannan Basgach airson còig seachdainean agus bha mi ag ionnsachadh mu dheidhinn nan cànanan agus a’ chultair agus an dannsa. Cha robh cead aig daoine a bhith a’ bruidhinn Basgais bho smachd Franco agus a-nise tha iad a’ feuchainn ris a’ chànan a bhrosnachadh agus tha Basgais air an rèidio agus TV agus sna sgoiltean cuideachd.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Thig cuairt na fèise gu crìoch ann an Errenteria ann an dùthaich nam Basgach san t-Sultain. Calum MacIlleathain, BBC An Là, Slèite.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!