FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Am Pàipear at 40 Am Pàipear aig 40

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Am Pàipear aig 40

[Innes Rothach – Preseantair] Tha iris mhìosail Uibhist, Am Pàipear, 40 bliadhna a dh’ aois agus tha taisbeanadh sònraichte ga chumail ann an Sgoil Lìonacleit airson an ceann-bliadhna sònraichte seo a chomharrachadh. Gheibh daoine cothrom sùil a thoirt air ais tron h-uile iris a chaidh fhoillseachadh le mòran de na dealbhan ‘s pìosan ealain a nochd anns a’ phàipear cuideachd gan taisbeanadh. Ged a tha an t-eadar-lìon na dhùbhlan mòr do phàipearan-naidheachd traidiseanta, tha beachd làidir ann gum bi Am Pàipear maireann airson iomadach bliadhna fhathast, mar a tha Shona NicDhòmhnaill ag aithris.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Tha ceòl aig a h-uile cuirm ceann-bliadhna sònraichte, agus cèic.

[Alasdair Allan BPA] Airson an breith dhut Am Pàipear, tha mi an dòchas gum bi a’ bheatha agadsa a’ tòiseachadh aig 40 bliadhna a dh’ aois agus tha mi toilichte a ràdh gu bheil an taisbeanadh seo gu h-oifigeil fosgailte.

[Catriona Garbutt] A’ sealltainn air na dealbhan sin, bheir iad air ais a leithid a chuimhneachain agus gu h-àraidh a’ mhisneachd a bh’ aig an fheadhainn a thòisich air a’ phàipear a bha seo. Agus gu math tric ged a thòisichear rudan, cha tèidear ro fhada leotha agus bidh e dol ma sgaoil ach tha seo, tha e cho soirbheachail agus a’ sìor dhol am meud really nach eil?

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Tha Am Pàipear ga fhoillseachadh gach mìos, loma-làn naidheachdan ionadail agus cuid a naidheachdan nàiseanta agus eadar-nàiseanta a tha toirt buaidh air Uibhist.

[Alasdair Allan BPA] Chan e a h-uile coimhearsnachd aig a bheil pàipear cho math ris Am Pàipear. So an taisbeanadh a th’ann a-nochd ‘s e pìos eachdraidh Uibhist a th’ann ach cuideachd tha e ag ràdh rudeigin cudromach mu dheidhinn cho làidir ‘s a tha a’ choimhearsnachd fhèin.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Tha sgeulachd air cùlaibh a h-uile dealbh a tha ri fhaicinn aig an taisbeanadh ann an taigh-tasgaidh nan eilean aig Sgoil Lìonacleit. Ach le naidheachdan a’ nochdadh air an eadar-lìon ann am prioba na sùla , am mair pàipear-naidheachd ann an clò sna bliadhnaichean ri teachd?

[Iain Stephen Moireasdan] Leithid làraich-lin, tha mi smaoineachadh gu bheil an latha aca sin an ìre mhath seachad. Na meadhanan sòisealta, tha beagan cothrom an sin ach tha mi smaointinn, nuair a tha thu bruidhinn air naidheachdan coimhearsnachd agus na meadhanan sòisealta, tha na h-àireamhan cho beag agus nach eil mi smaoineachadh gun obraich e buileach cho math ‘s a dh’ obraicheas aig ìre nàiseanta agus eadar-nàiseanta. ‘S mar sin tha àite ann fhathast airson rudeigin ann an clò, air pàipear, ann an dòigh air choreigin. Agus ma fhaodhte gun atharraich sin ach tha mi smaointinn nach obraich na meadhanan sòisealta leotha fhèin.

[Catriona Garbutt] Feumaidh mi ràdh ‘s toil leam fhìn am faireachdainn aig pàipear. Tha fhios agam gu bheil a h-uile sìon an-diugh air an iPhone ach ‘s toil leam dìreach am faireachdainn aig a’ phàipear agus tionndaidh nan duilleagan.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] ‘S e pàipear coimhearsnachd a th’ anns Am Pàipear, iris a tha air grunn dhuaisean fhaighinn.

[Alasdair Allan BPA] Feumaidh cuideigin a bhith ann airson an naidheachd sin a chur ri chèile ann an dòigh a tha dèanamh ciall agus sin an seòrsa obrach a tha deagh phàipear ionadail a’ dèanamh.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Bidh an taisbeanadh fosgailte chun an 3mh dhen t-Sultain. Shona NicDhòmhnaill, BBC An ann an Uibhist.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!