FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Western Isles swimming team Sgioba snàimh nan Eilean Siar

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Sgioba snàimh nan Eilean Siar

[Doneil MacLeòid - Preseantair] Bidh na snàmhadairean òga as fheàrr ann an Alba a’ coinneachadh ann an Obar Dheathain a-màireach agus nam measg bidh buidheann bho sgioba snàimh nan Eileanan an Iar. Tha ceathrar air cuireadh fhaighinn dhan cho-fharpais, oir tha iad am measg an 20 as luaithe airson an aois aca ann an Alba. Chaidh Dòmhnall MacLaomainn a choinneachadh cuid dhiubh agus iad a’ dèanamh ullachadh mu dheireadh ron rèis.

[Dòmhnall MacLaomainn - Neach-aithris] Chan eil an obair a’ stad. Uairean a thìde de threànadh cha mhòr a h-uile latha. An amas Geamannan nan Eilean ann an Gotland an ath bhliadhn’. Ach an-dràsta tha iad ag ullachadh airson co-fharpais mhòr an Obar Dheathain aig an deireadh-sheachdain.

[Ceitidh] Uill feumaidh tu bhith anns a, am measg an fheadhainn as luaithe ann an Alba airson d’ aois airson faighinn a-steach dhan race a tha thusa ag iarraidh dèanamh so ‘s e farpais glè mhòr a th’ann.

[Lucy] It’s really important because you have to be in the top 20 in Scotland for your age group, so it’s a really big event.

[Dòmhnall MacLaomainn - Neach-aithris] Chuireadh e iongnadh air mòran an trèanadh a bhios na lùth-chleasaichean òga sa a’ dèanamh.

[Màiri Mhoireach] Oh uill tha iad a’ trèanadh a h-uile h-oidhch’ bho sia uairean gu suas ri leth uair an dèidh naoi agus aig na holidays tha iad a’ trèanadh anns a’ mhadainn cuideachd. Tha iad a’ dèanamh obair anns an gym cuideachd.

[Dòmhnall MacLaomainn - Neach-aithris] ‘S e soirbheas a th’ ann cuireadh fhaighinn chun a’ cho-fharpais sa ann an Obar Dheathain sa chiad dol a-mach. Ach na h-amasan a th’ aig a’ chlann-nighean?

[Lucy] Just basically to get a PB, fast reactions off the dive, good pool and stuff like that.

[Ceitidh] Tha mi dìreach ag iarraidh snàmh cho luath ‘s as urrainn dhomh ‘s dèanamh cho math ‘s as urrainn dhomh. ‘S chan eil mi smaoineachadh mu dheidhinn finals no medals fhathast, tha mi dìreach ag iarraidh snàmh cho luath ‘s as urrainn dhomh.

[Dòmhnall MacLaomainn - Neach-aithris] Tha sgeulachd na sgioba-sa ainmeil am measg saoghal snàimh na h-Alba. Farpaisich a tha trèanadh glè thric an amar snàmh leth cho mòr ris an tè-sa ann an Steòrnabhagh ann an Nis, a’ farpais aig an ìre as àirde ann an Alba.

[Màiri Mhoireach] Uill anns a’ chiad àit’ feumaidh iad fhèin a bhith ag iarraidh a dhèanamh agus tha an commitment aca ‘s tha an drive aca airson a bhith ag iarraidh a bhith dol nas fheàrr ‘s nas fheàrr. Agus na tha iad a’ dèanamh de threànadh sa h-uile càil. Tha an coidse againn math, feumaidh sinn a ràdh, tha DR uabhasach math.

[Dòmhnall MacLaomainn - Neach-aithris] Às dèidh cho soirbheachail ‘s a tha Kara Hanlon agus Kathryn Offer air a bhith anns na bliadhnaichean a dh’ fhalbh, cha leig eagal sam bith a bhith air an sgioba-sa nach eil ginealach ùr a’ cheart cho tàlantach air an cùlaibh. Dòmhnall MacLaomainn, BBC An Là, Ionad Spòrs Leòdhais.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!