FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Alasdair Fraser fiddle camp is 30 30 bliadhna de sgoil fhìdhlearachd Alasdair Fhriseal

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

30 bliadhna de sgoil fhìdhlearachd Alasdair Fhriseal

[Màiri Rodgers – Preseantair] Nis tha 30 bliadhna de sgoil shamhraidh fhìdhlearachd Alasdair Fhriseal ga chomharrachadh an t-seachdain sa. Tha an campa aig Sabhal Mòr Ostaig air leudachadh gu mòr bho thòisich e anns na 80an agus clasaichean airson seinn, dannsa agus fiù’s cello a-nis ri fhaotainn cuideachd. Chaidh Calum MacIlleathain ann dhuinne.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Ceòladairean de gach aois air cruinneachadh airson seachdain de chluich, ionnsachadh agus spòrs. Eadar na h-oileanaich agus na h-oidean tha 140 neach ann. Airson mòran dheth bidh na h-oileanaich ag ionnsachadh len cluais. Chùm Alasdair Friseal sgoil shamhraidh na fìdhlearachd airson a’ chiad uair anns an eilean ann an 1987.

[Alasdair Friseal] I was very curious about why we weren’t playing our own music as much as I thought we could be and there was just an insecurity about our own music, about our own language, about our own dialects, about Gaelic. It was just more a case of, lets gather some kindred spirits and lets ask some questions. Let’s ask about strathspeys, lets ask about the old dances. It would have been my greatest dream to see the shift in the direction that it has gone in.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Tha Sabhal Mòr Ostaig agus an sgoil air leudachadh gu mòr anns an 30 bliadhna a dh’ fhalbh. An-diugh, tha Natalie Haas a’ teagaisg bass fìdhle, nan clasaichean òrain, giotair agus dannsa ann cuideachd.

[Christine Primrose] Bha Alasdair air a bhith a’ bruidhinn riumsa bho bhliadhnaichean mu dheidhinn, fhios agad a’ bhuaidh a tha aig òrain Ghàidhlig air a’ cheòl anns an fharsaingeachd. Agus bho nach robh e a’ faighinn sin, an cothrom sin a shealltainn dhaibh anns na Stàitean agus nuair a thig e a-null an seo tha e airson gum faic iad sin dhaibh pèin.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Am-bliadhna fhuair sgoil shamhraidh na fìdhlearachd urram bhon bhuidhinn Hands Up For Trad, airson an 30 bliadhna a chomharrachadh.

[Simon Thoumire] The amount of people who play fiddle, they go away, they have such a great time here because Alasdair is an amazing teacher and he always brings in amazing other teachers. They go away and they talk about it and they talk about it to their friends and that’s so important cos then they’ll get other people playing fiddle.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Thig an seachdain gu crìoch oidhche Haoine, le cuirm-chiùil mhòr agus cèilidh. Calum MacIlleathain, BBC An Là, Slèite.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!