FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Architecture exhibition in Oban Taisbeanadh ailtireachd anns an Òban

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Taisbeanadh ailtireachd anns an Òban

[Angela NicIlleathain – Neach-aithris] Uill dh'fhosgail taisbeanadh eile a chunnacas an-toiseach aig taigh-taisbeanaidh cliùiteach ann am Venice, san Òban aig deireadh na seachdain. Tha Prospect North agus taisbeanadh eile mu dheidhinn ailtireachd rim faicinn ann an Ionad Achadh na Creige. Chaidh Andreas Wolff ann dhuinn.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Dh’ fhosgail taisbeanadh ailtireachd air a bheil Prospect North anns an Òban air an deireadh-sheachdain. Bha e roimhe seo aig Beinnale, ann an Venice. ‘S e seo a’ chiad uair a thèid a shealltainn san Rìoghachd Aonaichte.

[Rhona NicDhùghaill] Chaidh e gu Venice, airson architecture Beinnale. So tha e ag innse sgeulachdan bho coimhearsnachdan diofraichte ann an Alba agus an dàimh a tha eadar nan coimhearsnachdan sin agus na togalaichean a tha mun cuairt orra.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Mar phàirt den taisbeanadh seo tha cothrom ann cuideachd coimhead air baile air Ghàidhealtachd san àm a dh’ fhalbh. Agus ann am bogsa eile dhe leithid tha cothrom ann coimhead air taigh-dubh ùr, air a dhealbhachadh le ailtirean às an Eilean Sgitheanach. Agus anns an treas bhogsa, tha cothrom ann coimhead air a’ bhaile a tha sin anns an àm ri teachd.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Tha Fèis Ailtireachd na h-Alba 2016 a’ dol fad na bliadhna seo. Mar phàirt dhen fhèis bidh tachartasan a’ dol san Òban cuideachd.

[Rhona NicDhùghaill] Oidhche Mhàirt bidh am Brigadier Iain MacPhàrlain a’ toirt seachad òraid Gaelic Castles of the Sound of Mull òraid ann am Beurla ceart gu leòr. Agus bidh bùth-obrach sgrìobhaidh ann oidhche Dhiardaoin, bidh còisir, bidh bùth-obrach seinn oidhche Haoine.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Agus tha na planaichean gus an t-seann sgoil Achadh na Creige a leasachadh a’ dèanamh adhartas.

[Rhona NicDhùghaill] Tha sinn airson an seòmar seo a chumail mar seòmar thachartasan agus tha sinn airson an seòmar a chleachdadh nas trice. Agus tha sin a’ ciallachadh gum bu chòir dhuinn taighean-beaga a chur a-steach agus a bhith cumail ri na riaghailtean a thaobh teine agus mar sin so tha sinn a’ sireadh maoineachadh an-dràsta airson sin a dhèanamh.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Fad na seachdain seo fhèin bidh cothrom aig daoine taisbeanadh Best of the Best fhaicinn cuideachd. Chithear na pròiseactan ailtireachd a fhuair duais thairis air a’ chòig bliadhna a dh’ fhalbh. Andreas Wolff, BBC An Là, an t-Òban.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!