FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The road to Rhenigidale An rathad a Rèineagadail

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

An rathad a Rèineagadail

[Angela NicIlleathain – Preseantair] Chaidh leabhar mu eachdraidh Rèineagadail anns na Hearadh, agus an t-srì a rinneadh airson rathad a thogail ann, fhoillseachadh gu h-oifigeil aig deireadh na seachdain. Bha an t-ùghdar, Coinneach MacAoidh, gu mòr an sàs san iomairt baile àraich a chumail beò. Tha an aithris seo aig Eilidh NicLeòid.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Thàinig daoine a dh’ fhuireach ann an Rèineagadail bho chionn 200 bliadhna, air am fuadachadh à bailtean eile às na Hearadh. Dh’ fhàs a’ choimhearsnachd agus aig toiseach na linne a dh’ fhalbh bha mi 100 duine a tàmh ann.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Mus robh rathad ceart ann, ‘s ann air chois a bha a’ mhòr-chuid de dhaoine a’ tighinn a-mach agus a-steach a Rèineagadail. Mu thrì mìle gu leth eadar Urgha aig deas agus am baile agus mu dhà mhìle gu ruige Màraig aig tuath.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] B’ e slighe a ghabh Coinneach MacAoidh gach latha nuair a bha e na phost. Thogadh e ann an Rèineagadail agus nuair a bha e a’ dol dhan bhun-sgoil aig àm an dàrna cogaidh bha 15 pàistean a’ faighinn foghlam innte. Nuair a chaidh esan an-sàs anns an iomairt son rathad ceart fhaighinn, anns na 80an, cha robh ach naoinear air fhàgail ann an Rèineagadail uile gu lèir.

[Coinneach MacAoidh] Tha litrichean agam fhathast ‘s nuair a bha mi faighinn freagairt uaireannan nach robh uabhasach misneachail ach tha mi creidsinn gu bheil 10 bliadhna tha mi creidsinn.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Bha ceist air cuid a luchd-poilitigs am b’ fhiach cosgais cho mòr airson sluagh cho beag. Ach shoirbhich leotha agus air an 20mh latha dhen Ghearran 1990 chaidh an rathad fhosgladh. Tha sgeulachd ga h-innse anns an leabhar a sgrìobh Coinneach.

[Coinneach MacAoidh] Pàirt dhen duilgheadas a bha anns a’ bhaile, bha mi ann is ga fhaicinn. Agus cha robh mi airson daoine a chùm am baile a’ dol tro na bliadhnaichean, cha robh mi airson gun deigheadh e ann an dìochuimhn’ na rinn iad airson am baile a chumail a’ dol. Tha e dìreach duilich nach eil iad ann airson seo fhaicinn an-diugh, rathad dhan bhaile.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Chosg an rathad £1.5 millean not. Bhon uair sin chaidh còig taighean a thogail agus an-diugh tha còrr is 20 duine a’ fuireach ann.

[Coinneach MacAoidh] Nam faighinn-sa mo thoil agus iomadach uair a’ faighinn na tha mi ag iarraidh, bhithinn airson thaigh eile co-dhiù fhaicinn sa bhaile. Bha 15 a theaghlaichean an seo an uair sin, chan eil ann ach glè bheag an-diugh an taca ris an sin agus tha e gu math nas fhasa taighean a thogail anns a’ bhaile an-diugh. Àite brèagha ‘s àite tha mi glè chinnteach a chòrdadh ri daoine nam biodh taigh no dhà eile air a thogail ann.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Eilidh NicLeòid, BBC An Là, Rèineagadail.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!