FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Tyndrum gold mine opens Mèinn Thaigh an Droma a’ fosgladh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Mèinn Thaigh an Droma a’ fosgladh

[Angela NicIlleathain – Preseantair] Dh'fhosgail a' chompanaidh Scotgold ionad giullachd òir faisg air Taigh an Droma gu h-oifigeil an-diugh. Tòisichidh iad a’ mèinneadh òir sna beanntan os cionn a' bhaile, thòisich iad ann an 2012. 'S e deuchainn a bhios san ionad seo a mhaireas 6 mìosan. Ach tha a' chompanaidh an dòchas òr luach £200m a thoirt às na creagan aig a' cheann thall. Seo Andreas Wolff.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Tha mèinnean air a bhith sna beanntan faisg air Taigh an Droma ann an Siorrachd Sruighlea bho chionn timcheall air 600 bliadhna. San t-seachdamh linn deug mar eisimpleir bha mèinn luaidh aca. Ach ann an 2012 thòisich a’ chompanaidh Scotgold obair air mèinn òir.

[Am Brig Iain MacPhàrlain] Tha daoine air a bhith tighinn an seo tro na bliadhnaichean, ma dh’fhaodhte 500 bliadhna, 600 bliadhna, tha iad air a bhith a’ tighinn a-staigh chun mhonaidh an seo. Agus tha iad a’ dol a-mach le amar, seòrsa de dh’ amar agus tha iad a’ cur sprùilleach à làrach na h-aibhne a-staigh san amar seo agus ga chrathadh mar sin agus tha an sprùilleach a’ tuiteam air falbh agus ma tha criomagan de dh’òr ann no mèinn ann tha sin a’ fuireach anns an amar agus tha iad a’ faotainn grèim air mar sin. Agus ‘s e a cheart rud a tha iad a’ feuchainn an seo.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Tha a’ chompanaidh Astràilianach am beachd 200,000 unnsa de dh'òr’ a thoirt a-mach às a’ mhèinn agus bhiodh luach £200,000,000 ann san latha a th’ann.

[Ridseard Gray] Our resources runs at 14.3 grams a tonne which is extremely high by gold mining standards. Now many mines are operating at less than 2 grams a tonne so 14 grams a tonne is envious, an enviable position to be in. So we’ve got high grade, we’ve got low costs.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Tha iad an-dràsta a’ dèanamh deuchainn dhen phròiseas giullachd a mhaireas sia mìosan. ‘S coltas gu bheil prìs an òir air fàs beagan nas fheàrr cuideachd, rud a bheir toileachas do luchd nan earrannan.

[Am Brig Iain MacPhàrlain] Tha mòran de dh' earrannan agam bhon bha dhà no thrì cheud not agam aig uair agus dìreach chur mi staigh ann dìreach son spòrs a dhèanamh agus bha a’ phrìs aig an àm sin 0.3 sgillinn agus fhuarar iad mòran de dh' earrannan airson an airgid sin.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Tha a’ mhèinn suidhichte ann am Pàirce Nàiseanta Loch Laomainn agus nan Trosaichean. Ach thàinig iad gu aonta a thaobh tha dhìth gus an àrainneachd a dhìon. Le sin tha Scotgold an dòchas nach fhada gus an tèid a’ chiad òr Albannach a riamh a reic aig ìre coimearsalta. Andreas Wolff, BBC An Là, Taigh an Droma.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!