FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Shieldaig skiff Sgoth Shìldeig

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Sgoth Shìldeig

[Mairi Rodgers – Preseantair] Nis, tha muinntir Shìldeig air a bhith ag obair gu cruaidh thar nam mìosan a dh' fhalbh a' togail sgoth a thathas a-nis am beachd a chleachdadh ann an rèisean. Seo deireadh - agus cuideachd toiseach - pròiseact coimhearsnachd a th' air daoine a tharraing bho air feadh na sgìre. Tha an aithris seo aig Calum MacIlleathain.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Sgioba nam ban aig Cluba Iomraidh Shìldeig is Loch Toirbheartan, a’ toirt an sgoth aca mun cuairt air Eilean Shìldeig. ‘S ann anns a’ Ghearran a thòisich buidheann anns an sgìre air sgoth a thogail. Leanaidh cruth sgoth St Ayles, a bheir mu 10 mìosan a thogail mar as trice, ach chaidh crìoch a chur air sgoth Shìldeig taobh a-staigh sia mìosan. ‘S e Sildvik, seann ainm Lochlannach a’ bhaile, a thug iad air a’ bhàta mar ainm.

[Dòmhnall Dòmhnallach] Bha mòran ag obair anns na seachdainean bho dheireadh a chaidh seachad, dèanamh ràimh agus a’ peantadh ‘s gu dearbha cha robh tìde mhath airson peantadh, bha e gu math fliuch agus giobach agus grànda ach rinn sinn an gnothach agus tha i a’ coimhead glè mhath. Rinn sinn glè mhath airson ‘amateurs.’

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Tha còrr is 130 sgoth St Ayles rin lorg a-nise mun cuairt air costa na h-Alba. ‘S i Sildvik an sgoth as ùire air clàr Comunn Iomraidh Cladaichean na h-Alba, a tha a’ cumail iomadh rèis tron bhliadhna. ‘S ann aig regatta Shìldeig a chaidh am bàta a rèiseadh airson a’ chiad uair. Le sgiobaidhean làidir an leithid Ulapul, Abhach agus Cill Rìbhinn a’ farpais, agus le ràmh a’ briseadh, cha do ghlèidh an Sildvik rèis sam bith air an latha. Ach tha e coltach gu robh togail a’ bhàta cudromach don choimhearsnachd air fad.

[Ruairidh MacIllInnein] It’s really brought about the involvement of lots of local communities, not just Shieldaig, from Torridon and Alligan and Diabaig and a big cross section of the community you know, male / female, young / old. So it’s really brought the community a lot closer together I feel.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Tha dòchas gun tèid taigh-bàta a thogail anns a’ bhaile, far an tèid Sildvik a chumail agus far am bi i ri fhaotainn don choimhearsnachd air fad.

[Dòmhnall Dòmhnallach] Tha iad den dùil sin uair sam bith. Bidh i sin faisg air a’ chidhe ‘s ma bhios duine ga h-iarraidh, uill feumaidh iad ceathrar co-dhiù airson iomradh. Ach bidh i sin airson duine sam bith a tha ag iarraidh a dhol a-mach airson turas beag.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Sheall na h-uimhir ùidh ann a bhith ag iomradh a’ bhàta. Chaidh deuchainnean a chumail gus criuthaichean a thaghadh airson an regatta. Tha fiù ‘s cuid san sgìre a’ bruidhinn an dàrna sgoth a thogail is dòchas gun tèid aca an Sildvik a’ rèiseadh air feadh na dùthcha. Calum MacIlleathain, BBC An Là, Sìldeig.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!