FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Harris Tweed Festival Day Là Fèis a' Chlò Hearaich

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Là Fèis a' Chlò Hearaich

[Dòmhnall Angaidh Moireasdan - Preseantair] Nise, coltach ri gnìomhachasan gu leòr eile ann am Breatainn, chan eil fhios fhathast ciamar a bheir Brexit buaidh air a' Chlò Mhòr. Ach a dh'aindeoin na mì-chinnt, chan eil an fheadhainn ris a bheil an gnìomhachas an urra ro dhubhach mun àm ri teachd. Thàinig iad cruinn Disathairne airson Fèis a' Chlò Hearaich - a' moladh soirbheachas a' ghnìomhachais sna beagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh. Tha an aithris seo aig Eilidh NicLeòid.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Chan e lycra a th’ air an luchd-spòrs a tha seo ach aodach clò. Ghabh iad sgrìob tro bhaile Steòrnabhaigh Disathairne airson Fèis a' Chlò Hearaich fhaighinn gu dol. Stad iad aig bùth Rosie Wiscombe, a thòisich a’ dèanamh stuth na dachaigh bho chionn còig bliadhna. Tha fèill mhòr air an stuth aice agus tha an gnìomhachas a’ sìor fhàs.

[Rosie Wiscombe] There’s me who does all the designing and manufacturing and I have Katie who works with me full-time and she does manufacturing with me as well. We have a Saturday girl who is here on Saturdays but also casual work in the summer and this year we were busy enough that we could take on another seasonal worker as well.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Bha cothrom aig dealbhadairean nach eil ag obair gu proifeiseanta, an cuid aodaich a thaisbeanadh aig an fhèis.

[Shona MacGillFhaolain] Bha tòrr, mar mo seanmhairean agus sinn-seanmhairean agus daoine mar sin, bhiodh iad a’ breabadaireachd, bhiodh iad a’ fighe, bhiodh iad a' fuaigheal, bhiodh iad a’ dèanamh an aodaich aca fhèin. Tha sin, fhios agad, tha mi ga fhaireachdainn gu bheil e anns an fhuil agam fhìn.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Tha suas ri 400 duine a’ faighinn cosnadh anns a’ ghnìomhachas. A rèir àireamhan HIE bho 2012, tha e a’ cur £17,000 ris an eaconamaidh gach bliadhna. Chan eil 10 bliadhna ann bhon a bha a’ bhliadhna a bu mhiosa aig a’ chlò, ach tha margaidhean ùra an-diugh air feadh an t-saoghail. Tha luchd-ceannachd na Roinn Eòrpa fìor chudromach, mar sin a bheil a’ bhòt airson an t-Aonadh Eòrpach fhàgail na adhbhar dragh?

[Mairead Anna NicLeòid] Bhon t-sealladh againn, tha a h-uile càil, tha sinn gu math trang ‘s tha sinn an dòchas gun cùm sin a’ dol. Tha tòrr mì-chinnt mu thimcheall Brexit ‘s tha sinn a’ cur tòrr stuth air falbh air feadh na Roinn Eòrpa an-dràsta chan eil fhios againn thachras.

[Alasdair MacLeòid] Dol air ais bliadhnaichean mòr, mar a bha an Clò Hearach bha e suas is sìos agus bhiodh mì-chinnt ann an-còmhnaidh. Ach tha a’ mhì-chinnt sin ann an dòigh air falbh, gu h-àraidh anns na trì no ceithir bliadhnaichean air ais agus an àite mì-chinnt tha cinnt ann. Agus tha sinne an dòchas, ged a bhios Brexit os ur cionn nach toir e buaidh sam bith air a’ ghnìomhachas air an bliadhnaichean a tha romhainn.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Chan eil iad faisg air na chaidh a reic de Chlò Hearach anns a’ bhliadhna a bu shoirbheachail 1966 - nuair a chaidh 7 millean meatair a reic. Ach a’ leantainn air traidisean teaghlaich, gnìomhachasan beaga ionadail a’ soirbheachadh, no air àrd-ùrlar nan taighean fasain mhòra tha e coltach gu bheil an clò mòr a’ dol bho neart gu neart. Eilidh NicLeòid, BBC An Là, Steòrnabhagh.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!