FaclairDictionary EnglishGàidhlig

North Uist Primary School opens Bun-sgoil Uibhist a Tuath a' fosgladh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Bun-sgoil Uibhist a Tuath a' fosgladh

[Iain Macaonghais – Preseantair] Nise, dh'fhosgail bun-sgoil ùr Uibhist a Tuath sa mhadainn an-diugh agus iad a' cur fàilte air 91 sgoilear. Chosg a' Chomhairle faisg air £6.6m air a’ phròiseact le Riaghaltas na h-Alba a’ cur £2.2m a bharrachd ris. Dhùin an dà bhun-sgoil eile anns an eilean aig toiseach an t-samhraidh, agus tha an obair a’ leantainn air an dàrna earrainn dhen phròiseact a-nis. Tha Shona NicDhòmhnaill ag aithris.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] A’ chiad latha anns an sgoil do chlas a h-aon. Ach ’s e an-diugh a’ chiad latha ann am bun-sgoil ùr Uibhist a Tuath dhan a h-uile duine cloinne a tha dol an sin.

[Sorcha Sìne NicSuain] Uill ’s e sgoil àlainn a th’ ann ’s tha a h-uile sìon innte a dh’fheumas a’ chlann airson am foghlam. ’S tha sinn an dòchas gun còrd an sgoil ris a’ choimhearsnachd ’s gun dèan iad feum dhith.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Thòisich an obair air pròiseact na sgoile - a chosg cha mhòr £9m not - anns a’ Ghiblean 2015. An treas sgoil ùr ann an Uibhist.

[An Comh Ùisdean Robasdan] Bha sinn a’ faicinn sgoiltean ùra timcheall oirnn ann am Baile a’ Mhanaich ’s ann an Dalabrog. Agus tha mi smaointinn gu robh e caran riatanach gum faiceamaid an aon rud - tha sgoil ùr an Uibhist a Tuath leis na h-aon ghoireasan.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Tha 91 a chlann anns an sgoil ùr. Thàinig cuid dhiubh às an t-seann sgoil aig Ceann a’ Bhàigh, thàinig an còrr à sgoiltean Chàirinis agus Loch nam Madadh. Chaidh iad sin a dhùnadh aig deireadh an Ògmhios.

[Lemuel] Nì e diofar mòr agus tha mi ag ionnsachadh rudan eile agus ann an dòighean nas ùire.

[Lucy] Bha mi toilichte ach bha mi rud beag eagalach cuideachd. ‘S toigh leam an sgoil ùr, tha i snog.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] A bharrachd air an togalach a bhith ùr, tha na goireasan teicneòlach as ùire ri fhaighinn ann cuideachd. Ach tha goireas eile ann aig cùl na sgoile a tha a’ chlann uile airson a chleachdadh.

[Eardsaidh] Am playground againn.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] ’S dè mu dheidhinn a tha math?

[Eardsaidh] Na tunnels is na climbing poles againn.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] ‘S e a’ chlann fhèin a dhealbhaich e. Agus thathar an dòchas gun leudaich e am mac-meanmna aig àm cluich.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Gu deireadh an t-seachdain-sa chaidh, ’s ann an seo a chaidh Ionad Chladach Chirceaboist anns an robh an sgoil-àraich. A-nis ’s ann chun na sgoile ùire a thig clann a tha fo aois bun-sgoil.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Sin a’ chiad ìre dhen phròiseact deiseil ach tha obair ri dhèanamh ri taobh na sgoile ùire fhathast.

[Fionnlagh MacAonghais] Tha, tha sinn a’ dol a leagail an t-seann sgoil, an còrr a tha air fhàgail dhith agus an uair sin tha sinn dol a bhith a’ togail raon-cluiche agus tuilleadh parcaidh airson càraichean. Agus tha ceithir mìosan eile againn air a’ chlàr airson crìoch a chur air an obair sin.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Bu chòir dhan obair air fad a bhith deiseil san Fhaoilleach an ath-bhliadhn’. Shona NicDhòmhnaill, BBC An Là ann an Uibhist a Tuath.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!