FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Perth aims to become UK City of Culture Peairt ag amas air inbhe Baile Chultarail Bhreatainn

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Peairt ag amas air inbhe Baile Chultarail Bhreatainn

[Iain Macaonghais – Preseantair] Nise tha baile Pheairt air tagradh oifigeil a chur a-steach an-diugh airson inbhe Cathair-baile Chultarail Bhreatainn airson 2021. Bha tachartasan sa bhaile tron latha an-diugh agus a' Chomhairle ag ràdh gum faigheadh turasachd agus an eaconamaidh san fharsaingeachd buannachd mhòr ma shoirbhicheas leotha. Tha Seonaidh MacCoinnich air a bhith a tadhal an-diugh air a’ bhaile.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Bha diofar thachartasan air feadh Pheairt an-diugh, le dannsairean flash mob agus an còmhlan Red Hot Chilli Pipers. Bha seo mar phàirt de dh’ iomairt feuch am faigh iad Baile Chultarail Bhreatainn son a’ bhliadhna 2021.

[Aileen Ogilvie] Uill tha Peairt aig cridhe Alba agus aig cridhe sgeulachd na h-Alba. Tha Baile-mòr Peairt làn pearsantachd, leis gu bheil Peairt ann am meadhan Alba ’s e àite sònraichte a th’ann airson coinneachadh. ’S e Peairt agus Siorrachd Pheairt an t-àite airson tachartasan ciùil beothail, fèisean, ealain, mòran taighean-bidhe, àitichean fosgailte mar pàircean, tòrr bùithtean spòrs, eachdraidh inntinneach agus dualchas beairteach. ‘S e Peairt an t-àite.

[Dollag Wallace] Am baile as brèagha ann an Alba. Seo am baile as sine ann an Alba. Còmhla ri sin ’s e a’ chiad phrìomh-bhaile a bh’ ann an Alba cuideachd, mus tàinig Dùn Èideann. Cha robh sgeul air aig an àm sin, teantaichean beaga an siud ’s an seo. Bha Peairt na phrìomh-bhaile air Alba.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Agus ma bhios iad soirbheachail, dè bhios e a’ ciallachadh do mhuinntir na sgìre?

[Dollag Wallace] Dhèanadh e feum do Pheairt, dhèanadh. Bheireadh e tuilleadh sluaigh a-staigh, uill tha sluagh gu leòr a’ fuireach ann ach bheireadh e luchd-turais gu leòr a Pheairt. Bheireadh sin ann iad.

[Aileen Ogilvie] Fosglaidh e cothroman cultarach ùr anns an sgìre airson a h-uile duine. Cathair Pheairt agus Siorrachd Pheairt cuideachd. Chì sinn buannachdan eacanomaigeach, bidh mòran dhaoine agus luchd-turais a’ tadhal air a’ bhaile mhòr agus mairidh seo fad ùine mhòr.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Bidh an tagradh a’ tòiseachadh san Fhaoilleach agus bidh fios cò a bhuannaicheas ro dheireadh na bliadhna. Ach a rèir brath naidheachd bho William Hill bookmakers an-diugh, ’s e as coltaiche airson an tiotal fhaighinn aig 3-1. Seonaidh MacCoinnich, BBC An Là, Peairt.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!