FaclairDictionary EnglishGàidhlig

30 years of Gaelic Medium Education 30 bliadhna de dh'Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

30 bliadhna de dh'Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig

[Dòmhnall Angaidh Moireasdan] Chaidh 30 bliadhna bhon a thòisich foghlam tro mheadhan na Gàidhlig sna h-Eileanan an Iar a chomharrachadh an-diugh aig Bun-sgoil Bhreascleit. 'S ann anns a’ bhun-sgoil sin a dh'fhosgail a' chiad ionad Gàidhlig sna h-Eileanan ann an 1986. Tha an aithris seo aig Ruaraidh Rothach.

[Ruaraidh Rothach – Neach-aithris] Chlann-sgoile Bhun-sgoil Bhreascleit ann an deagh fhonn an-diugh, ’s iad a’ comharrachadh 30 bliadhna bhon a chaidh a’ chiad ionad Gàidhlig sna h-Eileanan an Iar a stèidheachadh an seo. An-diugh cha mhòr nach eil foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ri fhaotainn sa h-uile coimhearsnachd sna h-Eileanan an Iar, ach cho cudromach ‘s a bha a’ chiad cheum seo?

[Uilleam Dòmhnallach] Uill tha a’ chiad cheum ann an turas sam bith uabhasach cudromach agus feumaidh tu sìol a chur. Agus ’s e seo caran a’ chiad ghràinean sìl a chaidh a chur agus tha mi smaoineachadh, an obair a chaidh a dhèanamh agus na daoine a bha an lùib na h-obrach aig an àm sin, tro Van Leer 's iad 'sin, gur e sin an obair bu chudromaiche a bh’ ann riamh airson, mura b’e na daoine sin cha bhiodh dad againn an-diugh. Faodaidh daoine gearain nach eil sinn a’ dèanamh an adhartais a bu chòir dhuinn ach tha sinn air adhartas mòr a dhèanamh agus cumaidh sinn ris an obair.

[Ruaraidh Rothach – Neach-aithris] Am measg nan ciad sgoilearan anns a’ chiad chlas sin bha guth agus aghaidh air a bheil mòran eòlach Alasdair Friseal.

[Alasdair Friseal] Mura bithinn’s air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a dhèanamh cha bhithinn air obair a shireadh ann an craoladh no mar fhear-naidheachd. Thòisich mi le bhith ag obair san t-seòmar naidheachd aig BBC Alba ann an Inbhir Nis agus fhuair mi an obair sin air sgàth ‘s gu robh mi fileanta agus gu robh mi air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a dhèanamh. Agus tha iomadh cothrom air a thighinn às an sin chun an latha an-diugh.

[Ruaraidh Rothach – Neach-aithris] Cha deigheadh duine às àicheadh an adhartas a chaidh a dhèanamh sna 30 bliadhna a dh’ fhalbh. Ach an ro-innleachd a th’ aig Comhairle nan Eilean Siar gus foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a chumail aig ìre agus a leasachadh anns na bliadhnaichean a tha romhainn?

[An Comh Catriona Stiùbhart] Chan eil mòran sgoiltean air fhàgail a-nis far nach fhaigh thu cothrom a dhol tro foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, ’s tha sinn a’ feuchainn ri sin a neartachadh a h-uile bliadhna. Agus mar a tha sin a’ dol air adhart tha pàrantan agus a’ choimhearsnachd a’ faicinn cho soirbheachail ‘s a tha an dòigh foghlaim tha seo dhan chloinn. .

[Ruaraidh Rothach – Neach-aithris] Ruaraidh Rothach, BBC An Là, Breasclete.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!