FaclairDictionary EnglishGàidhlig

New pontoons in Ulva Ferry Pontoons ùra aig Caolas Ulbha

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Pontoons ùra aig Caolas Ulbha

[Dòmhnall Angaidh Moireasdan – Preseantair] Dh’ fhosgail an acarsaid son bàtaichean-seòlaidh no pontoons aig Caolas Ulbha gu h-oifigeil Disathairne. Tha e mar phàirt de phròiseact anns a bheil luach de mu £400,000 airson leasachadh a dhèanamh sa choimhearsnachd agus teaghlaichean a chumail anns an sgìre. Tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Còisir Ghàidhlig An Eilein Mhuilich a’ gabhail Cearcall a’ Chuain ri taobh na mara ann an Caolas Ulbha. Bha seo am measg nan tachartasan a bha dol air an latha airson fosgladh oifigeil nam pontoons air taobh siar eilein Mhuile. ‘S chan ann a-mhàin airson na luchd-turais le bàtaichean-seòlaidh a tha iad, ach airson gnìomhachasan ionadail cuideachd.

[Iain Moireasdan] Oh bha sinn ag ùisneachadh nam pontoons cheana. Bha sinn a-staigh an seo o chionn ceithir seachdainean a-nis agus tha iad uabhasach math. Chan eil sruth làn, an trioblaid a bha againn san slip way fhios agad, chan eil sin a’ tachairt idir a-nis.

[Cailean Moireasdan] ’S e leasachadh gu math cudromach airson an àite seo a th’ann oir bidh bàtaichean-seòlaidh a’ tighinn an seo agus bidh sin math airson na sgìre agus airson nan gnìomhachasan a tha seo.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Bha tòrr thachartasan a’ dol Disathairne airson luchd-turais agus teaghlaichean. Chan ann a-mhàin mu na pontoons a tha am pròiseact. Nas fhaide air a’ mhìos-sa tha obair togail gu bhith tòiseachadh air thaigh agus iad rim faotainn aig prìs reusanta airson teaghlaichean òga.

[Alasdair Satchel] Tha tòrr taighean làithean-saora ann agus chan eil àitichean mòra airson daoine sa choimhearsnachd fuireach. So le thaigh ùr gan togail airson clann agus teaghlaichean na coimhearsnachd tha sin sgoinneil airson na sgoile, airson eaconamaidh na sgìre, a h-uile rud.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Agus chan eil an seo ach a’ chiad cheum.

[Moray Finch] This is phase one for the pontoon. We need to go back to the community and say, “do you want a phase two?” to bring in a shore facility with toilets and showers. Maybe a small local shop.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Seonaidh MacCoinnich, BBC An Là, Muile.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!