FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Isle of Harris Mountain Festival Fèis Beinne na Hearadh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Fèis Beinne na Hearadh

[Dòmhnall Angaidh Moireasdan - Preseantair] Tòisichidh an còigeamh Fèis Beinne aig Urras Cheann a Tuath na Hearadh Disathairne sa-tighinn. A bharrachd air cothroman sreap agus coiseachd, bidh òraidean agus filmichean ri fhaicinn cuideachd. Tha an t-Urras ga fhaicinn mar chothrom air na th’aca ann am beanntan na Hearadh a thaisbeanadh. Tha an aithris seo aig Ruaraidh Rothach.

[Ruaraidh Rothach – Neach-aithris] Tha ainm Eilean na Hearadh a’ tighinn bhon fhacal a bh’ aig na Lochlannaich airson àirde agus gu dearbha tha iomradh air a thoirt do na beanntan cùbhraidh tric agus minig ann an rann. Tha Fèis Beinne aig Urras Cheann a Tuath Na Hearadh air a bhith a ruith bho 2011 agus a rèir an urrais tha tòrr ann a tharraingeas ùidh a bharrachd air cothroman airson sreap agus coiseachd.

[Calum MacAoidh] Ged ’s e Fèis Beinne a th’ againn air an Fhèis tha seo a tha a' mairsinn seachdain, tha tòrr a bharrachd ann air dìreach a bhith a’ dol a-mach dha na beanntan. Tha sinn a’ cur air dòigh diofar thachartasan tron t-seachdain, a-muigh agus a-staigh. Airson daoine a tha sùbailte agus a tha ag iarraidh a dhol a-mach dha na beanntan, ’s airson daoine a tha dìreach ag iarraidh a bhith a’ fuireach nas fhaisge air an dachaigh. Agus tha tòrr ùidh anns a’ ghnothaich. Agus tha tòrr dhaoine a’ tighinn chun na fèise.

[Ruaraidh Rothach – Neach-aithris] Chan e Ceann a Tuath Na Hearadh a’ phrìomh cheann-uidhe san dùthaich airson luchd-sreap oir chan eil na beanntan cho àrd ri Rothaich ann an sgìrean eile. Ach a dh’ aindeoin sin, tha tarraing shònraichte ann do luchd-sreap agus coiseachd.

[Ruaraidh Rothach – Neach-aithris] Tha tòrr chothroman coiseachd, gu h-àraidh a-muigh anns na beanntan ann an seo. Agus cuideachd tha cothroman sreap ann ma tha daoine ag iarraidh sin a dhèanamh. Mar eisimpleir ’s e Sròn Uladail, ‘s i dha na creagan as aithnichte ann am Breatainn airson sreapadairean agus tha i sin ann an ceann a tuath Na Hearadh ann an seo. Ach tha an àrainneachd mun cuairt oirnn gu math sònraichte. Chan e a-mhàin na beanntan ach na tràighean ‘s na lochan agus a h-uile càil tha mun cuairt oirnn ’s tha barrachd is barrachd dhaoine a’ tighinn an seo a choiseachd agus a ghabhail brath air an àrainneachd a tha muigh.

[Ruaraidh Rothach – Neach-aithris] Tha dòchas ann cuideachd gu bheil an fhèis a’ leudachadh an t-seusain turasachd san eilean seachad air deireadh An Lùnastail agus gun tig buannachd a bharrachd na chois. Ruaraidh Rothach, BBC An Là, Na Hearadh.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!