FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Skye Book Festival Fèis Leabhraichean an Eilein

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Fèis Leabhraichean an Eilein

[Dòmhnall Angaidh Moireasdan – Preseantair] Nise chaidh leabhar ùr mun Eilean Sgitheanach a chur air bhog an-diugh mar phàirt dhen chiad latha de dh’ fhèis leabhraichean an eilein. Bha an dàrna leabhar san t-sreath, air a bheil Leabhar Mòr an Eilein Sgitheanaich air fhoillseachadh aig Ionad Arois. Tha an fhèis a’ leantainn gu Disathairne le grunn thachartasan is ùghdaran gu bhith a’ nochdadh ann. Chaidh Calum MacIlleathain ann dhuinne.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Tormod Dòmhnallach a’ cur dàrna leabhar mòr an Eilein Sgitheanaich air bhog. Tha an leabhar ag innse tuilleadh mu eachdraidh an eilein tro mhuinntir an àite. Tha e coltach gun do shoirbhich leis a’ chiad leabhar agus leis na h-uimhir fiosrachaidh fhathast aca, cho-dhùin na h-ùghdaran dàrna leabhar a sgrìobhadh.

[Tormod Dòmhnallach] Rud a bha inntinneach cuideachd ’s e mar a thàinig daoine thugainn an dèidh a’ chiad leabhar thighinn a-mach ’s a ràdha, uill tha seo sgoinneil ach mu dheidhinn rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn an duine seo? No an ar-a-mach a bha siud anns an 18mh linn no cuspair air choreigin eile, bàthadh aig muir no rudan mar sin. Agus cha robh thu an uair sin ach a’ faighinn a-mach na daoine a bha an sàs anns na rudan a bha sin agus an tarraing ri chèile agus sin, cuimhnich, bunait An Leabhair Mhòir. Agus an leabhar mhòr a-nis. ’S e gur ann air muinntir an eilein a tha iad stèidhichte.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Chaidh tachartas Gàidhlig a chumail feasgar cuideachd, le bàrdachd cogaidh bhon leabhar ‘Cuimhneachan’ ga leughadh. ‘S iad saighdearan òga, deagh chuid aca às an eilean, a sgrìobh na dàin, le sgoilearan na sgìre san luchd-amhairc.

[Jo NicDhòmhnaill] An rud a tha a’ bhàrdachd seo a’ dèanamh, tha e a’ toirt sealladh bhon chaidh a sgrìobhadh aig àm a’ chiad chogaidh so tha eachdraidh ann agus tha litreachas ann. An rud a’ filleadh na chèile agus tha e a’ toirt cothrom dhaibh beachdachadh air an t-suidheachadh a bh’ anns an eilean ag àm a’ Chiad Chogaidh. Ach cuideachd feumaidh sinn cuimhneachadh, gu leòr dha na gillean a chaidh a shabaid ‘s a chaill am beatha sa Chiad Chogadh, cha robh iad mòran na bu shine, cuid aca nach robh cho sean fiù’s ri feadhainn dha na sgoilearan a bha staigh ag èisteachd an-diugh.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Leanaidh fèis leabhraichean an eilein a-màireach agus Disathairne, le ùghdaran leithid Peadar May agus Joanne Harris gu bhith nochdadh ann agus fèill leabhraichean mar sin a’ ruith gach latha cuideachd. Calum MacIlleathain, BBC An Là, Port Rìgh.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!