FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Barra oysters Eisirean Bharraigh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Eisirean Bharraigh

[Iain Macaonghais – Preseantair] Nise tha dùil gun tèid na ciad eisirean a chaidh àrach ann am Barraigh a reic ro dheireadh na bliadhna-sa. Tha 10 millean eisir a-nis aig an tuathanas air an eilean, a chaidh a stèidheachadh ann an 2013. Chaidh an tè-naidheachd againn Karen Elder gu muir a dh’ fhaicinn na tha iad ris.

[Karen Elder – Neach – aithris] Tha trì bliadhna air a bhith ann bhon a thòisich tuathanas eisirean ann am Barraigh agus chan eil an t-adhartas air a bhith cho buileach rèidh ‘s a tha a’ mhuir an-diugh. Bha aca ris an t-uabhas ionnsachadh agus rannsachadh a dhèanamh air an t-slighe.

[Dòmhnall Uilleam MacLeòid] An gnìomhachas a th’ ann, tha e air feadh an t-saoghail gun teagamh ach chan eil iad ga dhèanamh anns an seòrsa sìde th’againn. A h-uile turas a bha iad a’ sealltainn basgaidean dhuinn ’s dòigheannan air an dèanamh, ’s ann ann an àitichean uabhasach fasgach. Seadh, sin a’ bheachd a bh’ agamsa air co-dhiù agus nach robh iad dol a mhaireachdainn anns an t-sìde a bha againne, no idir sna geamhraidhean. So a’ chiad gheamhraidhean ’s ann a bha mi dìreach a’ shioftadh a h-uile sìon agus bha sinn a-muigh air na sites fàis ach dh’ fheumainn a shioftadh gu fasgadh airson a’ gheamhraidh.

[Karen Elder – Neach – aithris] A dh’ aindeoin ’s gur e dòigh iasgaich gu math diofraichte a tha seo, tha e fhathast stèidhichte air an eòlas-mara a th’ aig an sgioba mun mhuir ‘s na cladaichean a th’ air a bhith anns na teaghlaichean aca ’son iomadh ginealach.

[Karen Elder – Neach – aithris] Tha deich neach-obrach san tuathanas uile gu lèir, ’s iad ag obair air a bhith gan cur ann an òrdugh a rèir nan diofar mheudan, còig latha san t-seachdain. Cha mhòr a-nise nach eil iad deiseil airson an reic.

[Dòmhnall Uilleam MacLeòid] Car, tha e san treasamh bliadhna a-nis so tha feadhainn agad car, bliadhna a dh’ aois ’s feadhainn bhliadhna a dh’ aois ’s feadhainn trì bliadhna a dh’ aois ’s tha còir agad a-nis a bhith tòiseachdainn air rud a cur a-mach aig deireadh nan trì bliadhna.

[Karen Elder – Neach – aithris] Tha iad air a dhol an sàs le buidheann mhargaidheachd a tha cheana a’ ceannach ‘s a’ reic feusgain.

[Dòmhnall Uilleam MacLeòid] Tha iad sin a’ dol a thòiseachadh gan gabhail bhuainn an toiseachd co-dhiù. Tha tancaichean agus goireasan aca sin a tha a-muigh an Glaschu agus car, feumaidh tu tacsa air choieigin air tìr-mòr a thaobh nan duilgheadasan a’ faighinn stuth air falbh às an seo. Chan eil e furasta dhuinn fhìn a bhith dìleas ri marketing, fhios agad, gus am faigh sinn fhìn car, àiteachan an Glaschu far an cuireadh tu ar stuth.

[Karen Elder – Neach – aithris] Cha bhi fada ann a-nise gus am bi cuid de na 10 millean eisir a th’ air an àrach ann an uisgeachan Bharraigh air truinnsearan ann an taighean-bidhe. Karen Elder, BBC An ann am Barraigh.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!