FaclairDictionary EnglishGàidhlig

10th anniversary of Stòras Uibhist Stòras Uibhist 10 bliadhna a dh'aois

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Stòras Uibhist 10 bliadhna a dh'aois

[Angela NicIlleathain – Preseantair] Deich bliadhna air ais chaidh an oighreachd choimhearsnachd as motha ann an Alba a cheannach - oighreachd Uibhist a Deas. Anns na deich bliadhna bhon uairsin chaidh pròiseactan mòra a choileanadh agus tha obraichean agus luach na h-oighreachd air a dhol am meud. Ach mar a tha Shona NicDhòmhnaill ag aithris, tha gu leòr ri dhèanamh fhathast.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Anns an Dùbhlachd 2006, an dèidh iomairt a mhair còrr agus trì bliadhna, fhuair a’ choimhearsnachd air oighreachd Uibhist a Deas sealbh air an fhearann aca fhèin. Disathairne chomharraich Stòras Uibhist na deich bliadhna bhon uair sin le latha coimhearsnachd anns an Ìochdar.

[Aonghas MacIlleMhaoil] Aig an àm ’s e an rud bu duilghe ’s e dìreach faighneachd dhut fhèin agus dhan t-shluagh agus muinntir an àite, ghabhadh dèanamh agus an robh e a’ coimhead freagarrachd gun gabhadh e dèanamh air dhòigh sam bith.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Chosg an oighreachd £4.5millean not aig an àm. A-nis an dèidh pròiseactan mòra, mar an tuath gaoithe ann an Loch a’ Charnain, agus caladh ùr ann an Loch Baghasdail a thogail, tha luach de chòrr is 30 millean air a chur air.

[Aonghas MacIlleMhaoil] Uill chanainn-sa gur e an rud as motha, tha misneachd aig daoine a-nis, gun tig aca ri coimhead air gnìomhachas a chur air adhart. Gun tig aca, tha mi’n dòchas, ri coimhead air fuireach anns na h-eileanan a tha seo an àite dìreach a h-uile duine a bhith tarraing, mar a bha iad aig an àm.

[Alana NicAonghais] Bhithinn-sa gu math toilichte tilleadh air ais dhachaigh, nam biodh ’s dòcha barrachd obraichean a’ dol. Tha feadhainn de na caraidean agam air tilleadh air ais so bhithinn-sa toilichte gu leòr tilleadh.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Bha gearanan air an tilgeil air Stòras Uibhist bhon fhìor thoiseach agus tha gu leòr ri dhèanamh fhathast gus pròiseactan is soirbheachas a sgaoileadh air feadh Eirisgeigh, Uibhist a Deas is Beinn na Faoghla.

[Florence Mhoireasdan] Bidh tòrr a’ gearain, fhios agad nach do rinn thu sìon bhos san Ìochdar is Gèirinis. Chionns ’s e sinne tha coimhead air na turbines, chan e idir muinntir Loch Baghasdail. Ged a tha Loch Baghasdail, chaidh obair mhòr a dhèanamh ’s tha mi creidsinn gu robh e gu math feumach air. Cha b’ uilear dhuinn beagan airgid fhaighinn a bhos an taobh seo cuideachd.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Mar chomharra air a’ bhliadhna a fhuair a’ choimhearsnachd smachd air an fhearann, chaidh tiodhlaic a thoirt dhan h-uile duine cloinne a rugadh ann an 2006 agus a tha fuireach air an oighreachd an-diugh.

[Florence Mhoireasdan] An fheadhainn a tha tighinn às ar dèidh, tha mi glè chinnteach gum buannaich iad sin fhathast, as bith tha na turbines a’ dèanamh.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Cha robh ach aon dreuchd gu leth ann an oifis na h-oighreachd ann an 2006. An-diugh tha deichnear ag obair anns an oifis air mo chùlaibh an seo agus tha iad ri rianachd na h-oighreachd agus pròiseactan leasachaidh. Bidh dùil aig a’ choimhearsnachd ri tuilleadh adhartais anns na bliadhnaichean ri teachd. Shona NicDhòmhnaill, BBC An ann an Uibhist a Deas.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!