FaclairDictionary EnglishGàidhlig

An t-Alltan conference Co-labhairt An t-Alltan

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Co-labhairt An t-Alltan

[Màiri Rodgers – Preseantair] Tha a’ cho-labhairt bhliadhnail aig Stòrlann, Alltan, a’ tachairt anns An Aghaidh Mhòr an-diugh agus a-màireach. Tha seo a’ toirt cothrom do luchd-foghlaim na Gàidhlig air leasachadh proifeasanta agus gheibh iad sùil air iomairtean teagaisg agus ionnsachaidhean ùra. Tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Thàinig mu 200 neach-foghlaim don tachartas Alltan an-diugh anns an Aghaidh Mhòr agus airson a’ chiad uair bha luchd-obrach nan tràth bhliadhnachan nam pàirt den Alltan fhèin, seach a bhith aig co-labhairt air leth.

[Dòmhnall MacIlleMhoire] Tha sinne gu math trang am-bliadhna, tha sinn ag obair air tarraing ri chèile co-labhairt a tha a’ gabhail a-steach bho 0 suas gu 18. ’S tha mi smaoineachadh gur e ceum ùr a th’ ann dhuinn a bhith tarraing a h-uile càil fon aon mhullach mar gum biodh. Agus tha e uabhasach math airson a h-uile duine a tha an sàs ann am foghlam Gàidhlig, eadar gur ann a’ sruthadh a-steach ann am foghlam Gàidhlig no a’ cur crìoch air an fhoghlam mus tig iad dha na h-oilthighean agus àitichean eile, tha iadsan, bidh iad an làthair an seo.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Tha 23 bùithtean-obrach is òraidean ri fhaighinn thairis an dà latha agus tha pàirt mòr ann ga teicneòlas ùr a chleachdadh airson Gàidhlig a bhrosnachadh.

[Mona Wilson] Tha mi smaoineachadh, ’s e an rathad air adhart a bhith cleachdadh teicneòlas, a’ cleachdadh teicneòlas ann an dòighean cruthachail cuideachd a thaobh a bhith teagaisg eadar sgoiltean, a bhith teagaisg oileanaich aig astar agus trèanadh tidsearan aig astar. Tha mi smaoineachadh mar a thuirt thu tha an saoghal air atharrachadh gu mòr agus feumaidh sinn a bhith mothachail air an sin agus a bhith caran cleabhair a thaobh mar a tha sinn a’ cleachdadh an teicneòlais agus tha mi smaoineachadh, rudan mar eSgoil, sin an rathad air adhart tha mi smaoineachadh.

[Seonaidh MacCòinnich – Neach-aithris] Agus cha b’ ann dìreach à Alba a bhathas air tighinn. Am-bliadhna thàinig trì tidsearan à Cheap Breatainn ann an Canada. Dè an t-suidheachadh a th’ ann le Gàidhlig sna sgoiltean an sin?

[Joanna Nic An t-Saoir] Uill tha sinn dìreach a’ dèanamh Gàidhlig mar chuspair anns an sgoil Bheurla fhios agad. So, ’s urrainn dhan chloinn a thaghadh an àite Frangais nuair a tha iad anns a’ bhun-sgoil agus anns an àrd-sgoil ’s e dìreach cuspair, ma-thà ùine anns a’ chlàr-ama aca ’s urrainn dhaibh a dhèanamh.

[Bernard Camshron] Agus tha na h-àireamhan a’ dol suas fad na h-ùine. Tha barrachd chothroman aca san latha an-diugh ach chan eil an uiread de thidsearan deiseil airson Gàidhlig a theagaisg. B’ urrainn barrachd a bhith ann ach chan eil sinn deiseil airson sin dh’ fhaoidhte fhathast.

[Seonaidh MacCòinnich – Neach-aithris] Uill sin a’ chiad latha seachad. Barrachd bùithtean-obrach agus òraidean a-màireach agus na bi fadalach no gheibh thu detention. Seonaidh MacCoinnich, BBC An Là, An Aghaidh Mhòir.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!