FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Ram sales at Lewis and Harris auction mart Fèill ruda aig margaidh sprèidh Leòdhais agus na Hearadh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Fèill ruda aig margaidh sprèidh Leòdhais agus na Hearadh

[Iain MacIlleathain – Preseantair] Nise chaidh a’ chiad fhèill rùda dhen bhliadhna aig margaidh sprèidh Leòdhais agus na Hearadh a chumail an-diugh. Ged a bha cùisean rudeigin slaodach ’s dòcha, chaidh eadar £200 agus £400 a phàigheadh air na beathaichean a b’fheàrr. Bha duaisean gan toirt seachad aig a’ mhargaidh sprèidh cuideachd mar a tha Ruairidh Rothach a-nis ag aithris à Stèinis.

[Ruairidh Rothach – Neach-aithris] Cha b’e an fhèill a b’ fheàrr do dhaoine a bha reic an-diugh air margaidh sprèidh Leòdhais agus na Hearadh. Ach, leis an sin, bha bargan no dhà ri fhaotainn dha na daoine a bha ceannach. Dh’fhaighnich mi do Choinneach MacLeòid, bhon margaidh sprèidh, ciamar a chaidh a’ chùis san fharsaingeachd?

[Coinneach MacLeòid] Och bha e gu math slaodach, bha tòrr bheathaichean a-staigh agus ’s dòcha, bha tòrr seann bheathaichean ann agus uaireannan tha sin a’ cur beagan maill air an fhèill air sgàth a’ mhòr-chuid, chan eil iad ag iarraidh seann rùdan. Tha iad a’ coimhead airson rùdan, fhios agad, reithean, fhios agad uain, no beathaichean a tha ’s dòcha bliadhna, dà bhliadhna a dh’aois.

[Ruairidh Rothach – Neach-aithris] Am measg nan daoine a bha reic beathaichean na b’ òige, bha Dòmhnall Dòmhnallach. Fhuair an uan-reithe texel aigesan ‘reserve champion.’

[Dòmhnall Dòmhnallach] Uill seo an reserve, an dàrna beathach a b’ fheàrr a bh’ aig an sale. ’S e balach à Nis a fhuair a’ chiad àite agus tha mi gu math moiteil gun d’ fhuair mi chun na h-ìre seo. ’S e uan brèagha a bh’ ann ach cha robh dùil agam gun ruigeadh e a’ phrìs ’ud – bha e £320.

[Ruairidh Rothach – Neach-aithris] Ged a fhuair Dòmhnall prìs mhath agus an dàrna duais, cha robh e saor a’ bheathach fhaighinn chun ìre seo.

[Dòmhnall Dòmhnallach] Tha mi creidsinn gun aithnicheadh tu sin air a’ chalg aige. Chaidh tòrr na bhroinn, fhuair mi £300 not ach chaidh an dàrna leth dheth sin na chorp, oir gun do thuill e siud.

[Ruairidh Rothach – Neach-aithris] ’S e Calum Fhionnlagh Moireasdan a fhuair supreme champion airson an reithe dubh-cheannach aige. Chaidh an reithe airson còrr air £400. Ach san fharsaingeachd ’s e beagan de bhriseadh dùil a bha san fhèill. Gu h-àraidh le cho math ‘s a tha na h-uain air a bhith a’ dèanamh. Ach mar a mhìnich Coinneach MacLeòid dhomh, cha ghabh coimeas a dhèanamh eadar an dà rud.

[Coinneach MacLeòid] Chan eil mi smaoineachadh gun urrainn. Tha mi smaoineachadh gu bheil fèill nan rèithe, gu bheil sin gu math eadar-dhealaichte bho na fèilltean eile a th’ ann. Oir tha tòrr bheathaichean dol tron seo agus chì thu tòrr aig fèill nan reithe agus bhiodh e ’s dòcha na b’ fheàrr mura biodh uiread de dh’àireamhan ann, ’s dòcha gun dèanadh sin diofar air na prìsean aig deireadh an latha nam biodh na bu lugha bheathaichean ann, ’s dòcha gum faigheadh daoine prìs na b’ fheàrr.

[Ruairidh Rothach – Neach-aithris] Ruairidh Rothach, margaidh sprèidh Leòdhais is na Hearadh.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!